Bile an Fhearainn ron Phàrlamaid

  • 16 Am Màrt 2016
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Bhòt Bhile an Fhearainn

Bhòtaidh Pàrlamaid na h-Alba an-diugh air am bu chòir Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn a stèidheachadh ann an lagh.

Tha an Riaghaltas ag ràdh gun toir e còirichean làidir do thuathanaich mhàla.

Ach, tha uachdarain air draghan a thogail mu atharrachaidhean co-cheangailte ri mar a tha faochadh bho chìsean aig oighreachdan seilge agus mar a thathas a' coimhead às dèidh fearainn.

Tha an Riaghaltas ag ràdh gun toir e còirichean làidir do thuathanaich mhàla.

'S e a bhith a' toirt cothrom do choimhearsnachdan fearann a cheannach airson leasachaidhean seasmhach fear de na prìomh nithean a tha a' nochdadh sa bhile ùr.

Connspaid

Nas connspaidiche, bidh cead aig tuathanaich mhàla an gabhaltas fearainn aca a reic no a thoirt seachad do chuideigin eile.

Tha uachdarain a' cumail a-mach gum bi sinn ga dhèanamh nas coltaiche gun diùlt iad tuathanasan a leigeil a-mach air màl.

Tha na pàrtaidhean dùbhlannach a' cur fàilte air clàr fearainn ùr a thèid a stèidheachadh ann an oidhirp a dhèanamh nas fhollaisiche cò leis a tha an talamh, ged a tha iad a' gearain gu bheil an reachdas ga chur troimhe ann an cabhaig.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil iad air sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air na molaidhean radaigeach a tha iad a' cur air adhart sa bhile.

Aig a' cheart àm bidh £10m ri fhaotainn do choimhearsnachdan fearann a cheannach airson leasachaidhean maireannach an ceann dìreach cola-deug.

Tha còirichean coimhearsnachd airson talamh a cheannach airson a leithid de phròiseactan na phrìomh phìos de lagh ùr ath-leasachaidh an fhearainn.