Gearan mu Bhile an Fhearainn

  • 14 Am Màrt 2016
Fearann

Dh'iarr uachdarain ann an Alba a-rithist gun tèid Bile an Fhearainn atharrachadh.

Thèid cead deireannach a thoirt dhan bhile ann am Pàrlamaid na h-Alba Diciadain.

Tha uachdarain airson is gun tèid aon phìos den bhile atharrachadh mus tèid a chur an gnìomh.

Fàgaidh an reachdas gum bi cothrom aig tuathanaich talamh a th' aca air màl a thoirt seachad neo a reic ri cuideigin eile.

Chan fhaod iad ge-tà, a reic ri companaidh mhòir.

Fàilte

Chuir tuathanaich aig a bheil talamh air màl bho uachdarain fàilte air na molaidhean.

Tha iomagain air buidhinn a tha a' riochdachadh oighreachdan agus uachdaran ann an Alba.

Thuirt Oighreachdan is Fearann na h-Alba gun toir am moladh seo buaidh uabhasach air a' ghnìomhachas.

Tha iad ag ràdh nach bi uachdarain cho deònach talamh a thoirt seachad air màl ri linn.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum fàg na riaghailtean ùra gum bi cothromachd ann eadar uachdarain agus tuathanaich aig a bheil tuathanas air màl.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile