Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cumhachdan Cìse

Tha comataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh gu bheil fìor-chunnart ann gur e mì-chinnt agus cosgais a thig às na cumhachdan cìse ùra do dh'Alba, mura tèid na cumhachdan ùra sin a chur an sàs le feiceall agus le conaltradh ri gnìomhachas agus luchd-gnothaich. Thuirt a' chomataidh a tha a' sgrùdadh Bile na h-Alba gum feum tuilleadh chòmhraidhean a bhith ann eadar Lunnainn agus Dùn Èideann, ged a tha làn-dùil gun cuir bhòt aig Holyrood an ath-sheachdain taic ris a' Bhile.

In-imreachd

Thuirt Àrd-Easbaig Chanterbury, Justin Welby, gu bheil làn-chòir aig daoine dragh a bhith orra mun bhuaidh a dh'fhaodadh in-imreachd a thoirt air an Rìoghachd Aonaichte. Thuirt an t-Àrd-Easbaig gu bheil e fada ceàrr a bhith ag ràdh gur ann ri gràin-cinnidh a tha daoine a chanas gu bheil dragh orra mun bhuaidh a dh'fhaodadh in-imreachd a thoirt air cultar, seirbheisean poblach agus cothrom cosnaidh.

An t-Aonadh Eòrpach

Thuirt Tony Blair gum feum daoine a tha ag iarraidh ballrachd Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach ag ghlèidheadh strì làidir a dhèanamh airson sin. Thuirt e nach ann a-mhàin do dhaoine beartach no uasal a tha buanachd ann am fuireach anns an AE, ach do shluagh Bhreatainn gu lèir, agus thuirt e gu bheil dragh air mu dhealasachd na h-iomairt airson Breatainn a thoirt a-mach às an aonadh.

Obama is Camshron

Thuirt an Taigh Geal gu bheil na Stàitean Aonaichte a' cur luach mòr air an càirdeas ri Breatainn, ged a chàin an Ceann-Suidhe Obama Breatainn agus an Fhraing airson am pàirt ann an suidheachadh Libia. Thuirt an Ceann-Suidhe gun deach Libia fhàgail ann am fìor-dhroch staid an dèidh do cho-bhanntachd armaichte NATO a dhol an sàs anns an dùthaich. Ach goirid an dèidh sin rinn an Taigh Geal moladh air Dàibhidh Camshron mar fhear de cheannardan làidir NATO.

Drochaid Rathaid Fhoirthe

Thàinig rannsachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba dhan cho-dhùnadh nach b' urrainn fios a bhith ann ro-làimh mun laigse a dh'fhàg Drochaid Rathaid Fhoirthe dùinte. Bha an drochaid dùinte a' mhòr-chuid den Dùbhlachd an dèidh sgàineadh tighinn am follais. Agus chuir na Buill-Phàrlamaid taic cuideachd ris a' cho-dhùnadh na bu tràithe an-uiridh gun robh cion-airgid a' ciallachadh nach robh e iomchaidh aig an àm sin obair-càraidh a dhèanamh air an drochaid.

Oighreachd nam Bàgh

Tha dragh anns na Hearadh air a' bhuidhinn-stiùiridh a tha a' coimhead ri Oighreachd nam Bàgh agus Beàrnaraigh a cheannach dhan choimhearsnachd mun sgrùdadh a chaidh a dhèanamh dhaibh. Bha iad an dùil an sgrùdadh sin a sgaoileadh am measg an t-sluaigh gus an dèanadh iad co-dhùnadh air am bu chòir dhaibh an oighreachd a cheannach, ach tha iad ag ràdh nach eil an aithisg a fhuair iad air ais faisg cho mionaideach agus a dh'iarradh iad.