Aithisg òighreachd "ro lom"

  • 11 Am Màrt 2016
An t-Òb Image copyright Dave Fergusson/Geograph

Dh'iarr a' bhuidheann-stiùiridh a tha a' coimhead ri Oighreachd nam Bàgh agus Eilein Bheàrnaraigh a cheannach dhan choimhearsnachd sgrùdadh nas mionaidiche mun ghnothach na fhuair iad.

Bha dùil an sgrùdadh a rinn companaidh dhaibh a sgaoileadh am measg an t-sluaigh gus an dèanadh iad co-dhùnadh am bu chòir an oighreachd a cheannach.

Ach tha a' bhuidheann-stiùiridh ag ràdh ge-tà, nach robh an aithisg a thàinig air ais thuca cho mionaideach 's a bha iad an dùil.

"Tha sinn a' faireachdainn nach eil fiosrachadh gu leòr ann," thuirt Ceit Anna NicFhionghain, a th' air a' bhuidhinn-stiùiridh.

Riarachadh

"An seòrsa rud a bha sinn ag iarraidh, 's e gun cuidicheadh e daoine tighinn gu co-dhùnadh am biodh e riatanach a dhol airson an oighreachd a cheannach no nach bitheadh.

"Dh'fheumadh an aithisg a bha seo ris an robh sinn a' feitheamh argamaid làidir a chur taobh seach taobh, gum b' fhiach e a dhol às a dèidh no nach b' fhiach.

"Bha sinn a' faireachdainn nach tàinig sin a-mach buileach glan.

"'S e an rud a fhuair sinn, gun teagamh, 's e ciad dreach a th' ann.

"Bha fhios aca gum biodh rudeigin ri chur ris, ach bha sinn a' faireachdainn nach tàinig e buileach ri chèile mar a bha sinn a' sùileachadh.

"Choinnich sinn airson tarraing ri chèile nan rudan a bha sinn ag iarraidh a chur thuca, agus chaidh sin thuca tràth madainn Diardaoin.

"Tha airgead fhathast ri phàigheadh dhaibh, agus tha sinn am beachd an t-airgead sin a chumail gum bi sin riaraichte leis an aithisg a gheibh sinn.

"Tha e eagalach fhèin doirbh, agus 's e slighe dhoirbh a th' air a bhith againn.

"Tha fhios agam gun robh tòrr den ùine a chaidh a chosg a' feitheamh seo sa chiad àite, bha sinn a' feitheamh fiosrachaidh on oighreachd fhèin, o oifis an neach-luachaidh.

"Feumaidh sinn cumail romhainn. Tha sinn air a dhol ro fhada airson tòiseachadh a-rithist le cuideigin eile, agus tha dìreach dòchas againn gun gabh crìoch a chur air anns na làithean a th' air thoiseach oirnn," thuirt i.

Tuilleadh Dhaoine

Tha an t-urras coimhearsnachd am beachd barrachd dhaoine a chur air a' bhuidhinn-stiùiridh.

"Tha sinn a' faireachdainn gu làidir gu bheil a' bhuidheann ro bheag," thuirt a' Bh.Ph. NicFhionnghain.

"Chan eil ann ach seachdnar againn, agus tha cùisean air a bhith doirbh.

"Tha e air a bhith doirbh dhuinn coinneachadh mar sheachdnar aig àm sam bith cha-mhòr o thòisich sinn.

"Agus a' dol a-steach a-rithist dhan Earrach agus dhan t-Samhradh far a bheil rudan eile aig daoine ri dhèanamh, tha feadhainn aig a bheil caoraich, 's tha feadhainn aig a bheil obraichean eile nach bi e cho furasta dhaibh tighinn gu coinneamhan air an oidhche.

"Tha dòchas againn, sna seachdainean agus na mìosan a th' air thoiseach oirnn, gu bheil an obair a tha sinn air a bhith a' dèanamh a' tighinn gu crìch, agus gu bheil sinn a' feumachdainn tòrr dhaoine airson seo a-niste a thoirt a-mach chun na h-ath-ìre," thuirt i.