Airgead tuath-gaoithe Steòrnabhaigh

  • 11 Am Màrt 2016
Crann-gaoithe
Image caption Dheadh 36 crainn-ghaoithe a thogail air talamh Urras Steòrnabhaigh.

Tha a' chompanaidh a th' air cùl phlanaichean airson 36 crainn-ghaoithe thogail air iomall Steòrnabhaigh air a bhith a' sireadh beachd an t-sluaigh air mar a bu chòir an t-airgead a gheibheadh a' choimhearsnachd às an sgeama a chosg.

Tha Lewis Wind Power, co-bhonntachd eadar EDF agus AMEC, ag ràdh gum faodadh gum faigh am mòr-shluagh suas ri £2m sa bhliadhna às a' phròiseact.

'S ann air talamh Urras Steòrnabhaigh - eadar Rathad a' Phentland agus an rathad mòr a' dol sìos dha na Hearadh - a dheadh an tuath-gaoithe a thogail.

Bhiodh na crainn comasach air dealan a chumail ri suas ri 100,000 dachaigh.

Fon aonta, gheibheadh an t-uachdaran agus na croitearan £1.1m ann am màl - agus co-dhiù £650,000 bho stòras coimhearsnachd.

Bidh cothrom cuideachd aig Urras Steòrnabhaigh sealbh a bhith aca air 20% den sgeama.

An càbal

Tha am pròiseact a' crochadh ge-tà, air càball mòr mara a bheireadh an dealan à Leòdhas gu margaidhean air Tìr-Mòr.

Thuirt Siamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair, ged a bha bruidhinn ann aig aon àm air companaidh choimhearsnachd a stèidheachadh airson an sgeama a ruith, gur e an t-aonta seo le Lewis Wind Power an rud as fheàrr agus as sàbhailte dhan choimhearsnachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo