Cumail a' bhuill

  • 9 Am Màrt 2016

Tha ceannard nan Tòraidhean, Ruth Davidson, gu math measail air an rugbaidh.

Chunnacas i gu tric agus lèine na h-Alba oirre, ball na làimh agus i a' feuchainn ris an sgiopa aice bhrosnachadh fhad 's a ruitheas i a dh'ionnsaigh na loidhne.

Dè an t-àite a b' iomchaidh, mar sin, airson co-labhairt Albannach nan Tòraidhean na Murrayfield fhèin?

Anns an latha a tha ann, is e dùbhlan a bhiodh ann don phàrtaidh an t-àite a lìonadh.

Agus coltach ri sgiopa na h-Alba, mar as trice is e oidhirp a tha ann dhaibh an spàinn fiodha a sheachnadh.

Am bliadhna-sa, ge-tà, tha Ruth ag amas air àite beagan nas àirde anns an lìog.

Duilgheadas

Aig an taghadh seo, tha na cunntasan-bheachd a' cur an uallaich as motha air Kezia Dugdale.

Chaidh magadh air ceannard nan Làbarach o dh'innis i gun tigeadh am pàrtaidh aice a-steach anns an dàrna àite, mar gun robh dùil aice gur e Nicola Sturgeon a bhitheadh aig Taigh a' Bhòid fhathast às dèidh a' Chèitein.

Ach b' e an dùbhlan o na Tòraidhean a bha air aire Ms Dugdale anns an agallamh sin.

Tha am pàrtaidh gorm a' faicinn cothrom ann an duilgheadas nam fear dearga.

Fiù 's ma dh'fhàiligeas air Ms Davidson an darna àite fhaighinn - rud a bhios doirbh, ge domhainn an staing anns a bheil na Làbaraich - tha cothrom aice anns na seachdainean ron taghadh na Tòraidhean a chur air adhart mar fhìor-dhùbhlanaich na h-Alba.

Ach tha Ruth Davidson fhèin aig cridhe a' phlana sin.

Gealtainn

Tha dà chuspair sònraichte air as urrainn do na Tòraidhean cumail a-mach gu bheil iad a' cur an aghaidh nan nàiseantach.

Is e a' chiad fhear cìsean.

Às dèidh don SNP dearbhadh gun cuireadh iad a' chìs chomhairle suas do dhaoine anns na taighean as cosgaile, is iad na Tòraidhean a-mhàin a tha a' dol a-steach don taghadh seo a' gealtainn nach tèid cìsean suas.

B' fheàrr le cuid anns a' phàrtaidh - agus bu mhath le Ruth Davidson fhèin - a dhol na b' fhaide, a ghealtainn gun cleachdadh iad na cumhachdan ùra gus cìsean a ghearradh.

Ach is e tomhas a' cheannard nach creideadh daoine sin, agus gu bheil barrachd dragha orra mu ghearradh sheirbhisean na tha miann airson gearradh chìsean.

Agus fiù 's as aonais sin tha polasaidh cìse a' phàrtaidh eadar-dhealaichte bho chàch.

Spèis

Is e an cuspair eile a' bhun-reachd.

Tha Ms Davidson a' cur as leth a seann chàirdean Làbarach agus Lib Deamach nach eil iadsan a' seasamh gu daingean airson an Aonaidh eadar Alba agus an còrr dhen Rìoghachd Aonaichte.

Dh'fhuiling pàrtaidhean Willie Rennie agus Kezia Dugdale gu mòr às dèidh dhaibh obair leis na Tòraidhean.

A-nis, tha Ruth Davidson airson am peanasachadh a-rithist agus i ag ràdh nach urrainn do luchd an Aonaidh speis a chur annta.

Chan eil fhios fhathast an obraich e.

Ach às dèidh bhliadhnaichean aig bonn na lìge, tha na Tòraidhean an dòchas gu bheil an gèama ag atharrachadh.