"Bliadhnaichean mòra" de gheòidh

  • 9 Am Màrt 2016
Cathain Image copyright Les Hull/Geograph
Image caption Tha dragh ag èirigh mu na tha de chathain ann an Uibhist a-nis, 's gu bheil iad a' sgapadh.

Tha rabhadh ga thoirt do chroitearan nan Eilean Siar gur dòcha gum bi bliadhnaichean mòra ann mus faigh iad smachd air àireamh nan gèadh san sgìre - an dà chuid geòidh ghlasa, agus cathain (barnacle geese) a tha a' sìor dhol nas pailte.

Chuala Comataidh Croitearachd na Comhairle nach eil càil a choltas gun tig an còrr taic-airgid 's co-òrdanachaidh bhon Riaghaltas nuair a thig sgeamaichean pìleat airson geòidh ghlasa a spadadh gu crìch an Uibhist sa Cheitean agus an Leòdhas 's na Hearadh an ath-bhliadhna.

'S e fear de na dòighean fuasgladh maireannach fhaighinn, a rèir a' Chomh. Uisdean Robasdan, margaidhean ùra a lorg son feòil nan geàdh.

"An còmhradh a bh' againn an-diugh, 's an còmhradh a bh' againn leis a' mhinistear an t-seachdain seo chaidh, 's ann mu dheidhinn fuasgladh a thoirt air a bhith a' reic sitheinn nan gèadh a-mach às an eilean," thuirt e.

Cathain

"Aig an ìre seo ann an Uibhist, faodar a reic ann an Uibhist, agus thathar a' dèanamh feum dheth mar sin.

"Bha sinn airson gun tigeadh fuasgladh air seo, gum faodamaid a reic taobh a-muigh an eilein.

"Tha fhios againn gu bheil iarrtas air biadh falain, agus nam biodh prìs caran dòigheil air, gum b' fhiach do chroitearan agus daoine eile a bhith a' dol a-mach a shealg, gum faigheadh iad fiach airgid a-mach às an obair seo.

"Tha mi a' smaoineachdainn gum biodh sin na dhòigh air adhart airson na h-àireamhan a th' ann dhiubh a thoirt a-nuas nas fhaide," thuirt e.

Tha dragh air èirigh nach fhada gus am bi trioblaid mhòr ann le cathain, a thuilleadh air na geòidh ghlasa, agus iad a' sgapadh ann an Uibhist.

"Tha sin na dhragh mòr a-niste. Mar a tha mi a' tuigsinn on chunntas mu dheireadh ann an Uibhist fhèin tha suas ri 4,000 ann," thuirt Mgr Robasdan.

"Nis chan eil sin ach air a bhith na thrioblaid aig an ìre seo ann an Uibhist a Tuath fhèin, ach chuala sinn am-bliadhna gu bheil iad a' sgaoileadh suas a dh'Uibhist a Deas cuideachd.

Laghan Eòrpach

"Agus tha mi a' creidsinn aig deireadh an là, mura tèid dad a dhèanamh mu dheidhinn, sgaoilidh iad air feadh nan eileanan uile.

"'S e eun a th' ann a tha a' dèanamh milleadh uabhasach air talamh - nas miosa na na geòidh ghlasa.

"Tha iad nas duilghe dèiligeadh riutha mar a tha laghan Eòrpach aig an àm seo.

"Tha mi a' smaointinn gun d' fhuair dà bhuidhinn ann an Uibhist cead airson 50 duine airson cathain a mharbhadh.

"Ach feumar tòrr obrach a dhèanamh airson fuasgladh fhaighinn dhan trioblaid seo, tha mi a' smaointinn gu bheil grunn bhliadhnaichean de dh'iomairt gu bhith ann airson rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn," thuirt e.