Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Banca Shasainn

Dh'innis Riaghaladair Bhanca Shasainn, Mark Carney, do Bhuill-Phàrlamaid nach gabh am banca taobh seach taobh anns an deasbad ron referendum air ballrachd Bhreatainn anns na Aonadh Eòrpach. Chàin feadhainn a tha airson Breatainn a thoirt a-mach às an aonadh beachd Mhgr Carney ann an litir, gu bheil ballrachd anns an AE a' neartachadh eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte. Ach dh'innis Mgr Carney do Chomataidh Thaghte an Ionmhais an-diugh nach gabh am banca taobh seach taobh anns a' chùis.

Boris Johnson

Agus chuir Mèar Lunnainn, Boris Johnson, às do chasg air luchd-obrach na h-oifis aige bho a bhith a' cur taic gu poblach ri Breatainn a bhith a' fuireach anns an Aonadh Eòrpach. Thug oifis Mhgr Johnson rabhadh do luchd-obrach an t-seachdain seo chaidh nach bu chòir dhaibh cur an aghaidh taic Mhgr Johnson airson Breatainn a thoirt a-mach às an AE. Thuirt Boris Johnson fhèin an-diugh gur e mearachd a bha sin.

Imrichean

Dh'aontaich an Tuirc ann am prionnsabal in-imrichean mì-laghail ag ghabhail air ais às na h-eileanan Grèigeach cho fad 's gun gabh an t-Aonadh Eòrpach an aon àireamh mu choinneimh sin de na fògarraich à Siria a tha an-dràsta ann an campaichean anns an Tuirc. Tha an t-aonta dhan tàinig iad anns a' Bhruiseil an-raoir ag amas air stad a chur air feadhainn a tha a' dèanamh in-imreachd mhì-laghail às an Tuirc air a' Mhuir Aegean. Cha toir an sgeama ùr buaidh sam bith air Breatainn, a th' air taobh a-muigh Sgìre Schengen far nach eil cead-siubhail a dhìth.

Bailey Gwynne

Bidh rannsachadh neo-eisimeileach ann mun t-suidheachadh a thàinig gu bàs a bhalaich sgoile Bailey Gwynne ann an Obar Dheathain. Chaidh fear a tha 16 bliadhna de dh'aois a dhiteadh an-dè airson Bailey Gwynne a mharbhadh aig Acadamaidh na Cùilte ann an Obar Deathain anns an Damhair an-uiridh. Chaidh rannsachadh neo-eisimeileach iarraidh an dèidh dha tighinn am follais gun tug e cuideachd droch ionnsaigh air gille eile nuair a bha e sa bhun-sgoil.

Neach-ainmichte

Tha Prìomh Chùirt na Rìoghachd Aonaichte ag èisteachd ri tagradh an-diugh an aghaidh plana Riaghaltas na h-Alba airson neach sònraichte ainmeachadh mu choinneimh cùraim gach duine-cloinne. Tha an Riaghaltas ag ràdh gun dèan sin cinnteach gum bi taic agus dìon ann air daoine òga. Ach tha luchd-strì ag ràdh gum bris sin an còir air prìobhaideachd.

Taic-àiteachais

Tha Aonadh nan Tuathanach ag ràdh gu bheil an dàil ann an subsadaidh a' fàgail toll de £300m ann an eaconamaidh nan sgìrean dùthchail. Tha riochdairean an NFU a' coinneachadh ri Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, a-nochd a dheasbad na cùise, agus iad ag ullachadh airson caismeachd gu Pàrlamaid na h-Alba an-earrar. Gheall an Riaghaltas gum faigh na mìltean de thuathanaich agus croitearan earrainn den t-subsadaidh ro dheireadh na mìos seo.