Seachdain Ghàidhlig ann am Muile

  • 8 Am Màrt 2016
Clann-sgoile
Image caption Bidh cuid den chloinn-sgoile cuideachd a' teagasg na Gàidhlig iad fhèin.

Thèid tachartasan sònraichte a chumail ann an Àrd-sgoil Thobar Mhoire ann am Muile fad na seachdain mar phàirt de sheachdain Ghàidhlig na sgoile.

Tha geamaichean, taisbeanadh fasain, agus òraidean am measg na tha air a chur air dòigh agus bidh a' chlann cuideachd a' faighinn cothrom bruidhinn ri feadhainn a tha a' cleachdadh na Gàidhlig nan obair làitheil.

Tha Kirsten NicDhòmhnaill, a tha na tidsear Gàidhlig anns an sgoil, ag ràdh gu bheil na sgoilearan a' faighinn tòrr às.

"Chan eil cothrom aca mar as trice rudan diofraichte mar seo a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig," thuirt i.

Tha cothrom cuideachd aig a' chloinn beagan Ghàidhlig a theagasg iad fhèin gu cloinn anns a' bhun-sgoil.

Tha iad an dòchas cuideachd gun tog seo ùidh sa Ghàidhlig am measg cloinne anns a' bhun-sgoil agus gun cùm iad orra leis a' chànan nuair a ruigeas iad an àrd-sgoil.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile