Ball-coise agus rothaireachd gus tilleadh

  • 8 Am Màrt 2016
Bhuanaich Guernsey am farpais ball-coise aig Geamannan Jersey ann an 2015
Image caption Bhuanaich Guernsey an fharpais bhall-coise aig Geamannan Jersey ann an 2015.

Tillidh ball-coise agus rothaireachd do Gheamaichean nan Eilean ann an 2021, is a h-uile coltas ann gum bi iad ann an Guernsey.

Tha dearbhadh oifigeil fhathast a dhìth, ach chan eil ach Guernsey air tagradh a chur a-steach airson an tachartas a stèidheachadh, agus chaidh an tagradh aca a mholadh an-uiridh le ceannardan nan geamannan, an IIGA.

Bha mòran mì-thoilichte nuair a chaidh innse nach biodh ball-coise, rothaireachd agus volleyball aig na Geamaichean ann an Gibraltar an 2019.

Fàilte

Chuir sgioba nan Eilean Siar fàilte air an naidheachd, is iad a' gabhail ri mar a thàinig comataidh Guernsey chun nan co-dhùnaidhean aca.

"Tha Guernsey gu math làidir ann an rothaireachd, agus bidh dùil aca ball-coise nam fear a choisinn, mar a rinn iad ann an Jersey," thuirt cathraiche WIIGA, Norrie Dòmhnallach.

"Le cho làidir 's a tha sinn fhèin air a' bhith o chionn ghoirid air a' bhaidhseagal, agus le cho mòr 's a tha ball-coise air feadh nan Eilean Siar, tha sinn toilichte gu bheil na spòrsan seo air tilleadh."

Spòrsan Geamannan nan Eilean 2021
Boghadaireachd Lùth-chleasachd
Badminton Rothaireachd
Ball-coise Seòladh
Ball-basgaid Snàmh
Bobhladh (a-staigh) Teanas
Golf Teanas-bùird
Losgadh Ghunnaichean Triathlon

Ro mhòr

Tha dìth ghoireasan fhathast na thrioblaid do mhuintir Ghuernsey ge-tà, is aca ri volleyball fhàgail a-mach a-rithist ann an 2021, is gainnead leapannan air an eilean do luchd-spòrs, le cuid de sgiobaidhean a' toirt nan ceudan chun nan geamaichean.

"Nuair a thàinig an IIGA an seo, thug iad sùil air goireasan do 18 spòrs, agus fhuair sinn solas uaine airson an 18 dhuibh," thuirt cathraiche Chomann Gheamaichean Eileanach Guernsey, Brian Allen.

"Ach tha bun-reachd an IIGA a' ciallachadh nach urrain ach 14 spòrsan a' bhith ann, agus feumaidh eilean sam bith a ràdh ri ceithir spòrsan 'duilich, chan eil sibh gu bhith ann."

"Bha dragh oirnn gum fàsadh na geamannan ro mhòr," thuirt Mgr Allan, is iad air ball-coise is ball-basgaid a thaghadh air sgath cho soirbheachail 's a tha iad air an eilean.

Tha na geamaichean gu bhith ann an Gotland san t-Suain an ath-bhliadhna, le Gibraltar agus Guernsey às dèidh sin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile