Ath-thagradh Sandra Bruce ga dhiùltadh

  • 4 Am Màrt 2016
Sandra Bruce Image copyright Spindrift Photo Agency
Image caption Cha Sandra Bruce às àicheadh gun mhurt i an duine aice

Chaidh ath-thagradh Sanda Bruce an aghaidh na binn a chaidh oirre airson an duine aice a mhurt a dhiùltadh.

Chaidh a' faighinn ciontach airson gabhail dha Tormod Bruce le a casan agus airson stampadh is leum air a cheann aige.

Bha an luchd-lagha aice ag argamaid gun robh binn de cho-dhiù 15 bliadhna ro mhòr, ach tha Cùirt nan Ath-thagraidhean air co-dhùnadh gu bheil a' bhinn iomchaidh.

Thuirt Am Morair Ceartais, am Morair Càrlabhagh, gun robh nàdar na h-ionnsaigh agus nach deach fios a chur airson cobhair na h-aghaidh.

Chaidh binn de cho-dhiù 15 bliadhna sa phrìosan a chuir air Sandra Bruce an-uiridh às dèidh mar a chaidh a dhìteadh airson an duine aice a mhurt ann am Breacais anns an Eilean Sgitheanach ann an 2014.

Bha Sandra Bruce, a tha 61, air a dhol às àicheadh gun do mhurt i Tormod Bruce nan dachaigh ann am Breacais anns a' Ghearran 2014.

Bha Tormod Bruce, a bha 64 agus a b' àbhaist a bhith ag obair mar pharamedic, roimhe a' fuireach ann an Siorrachd Adhair, mus do ghluais e dhan Eilean Sgitheanach ann an 1991 neo 1992.

Bha Sandra Bruce a' cumail a-mach tron chùis-lagha gu robh i air a bhith a' fulaing dochann san dachaigh, 's thuirt i nach robh cuimhne aice air na thachair air an oidhche mus deach an duine aice fhaighinn marbh.

Thuirt am britheamh, am Morair Armstrong, anns an Àrd Chùirt ann an Glaschu an-uiridh, gun tug i "ionnsaigh bhrùideil" air Tormod Bruce aig àm nuair nach b' urrainn dha e fhèin a dhìon.