Rannsachadh mu bhàs am Malaig

  • 4 Am Màrt 2016

Tha obair rannsachaidh nam poileas a' leantainn, às dèidh mar a chaidh corp dhuine fhaighinn san uisge aig Caladh Mhalaig Diardaoin.

Thuirt na poilis gun robh dùil aca gun robh an duine anns na 60an, agus gun robh iad air fios a chur air a theaghlach.

Cha deach ainmeachadh leotha fhathast ge-tà.