Eileanan Abhainn Nis
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Leasachadh air Eileanan Abhainn Nis

3 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thèid cairteal a mhillean not a chosg air obair-càraidh agus leasachaidh air Eileanan Abhainn Nis ann an Inbhir Nis.

Dh' aontaich Comataidh Cathair a' Bhaile a' dhol air adhart leis an obair an dèidh mar a rinn tuiltean cron air an làraich bho chionn ghoirid.

Thathar an dòchas an obair a thòiseachadh an ceann beagan mhìosan.