Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tagradh

Tha Ceann Suidhe na Comhairle Eòrpaich, Dòmhnall Tusk, air tagradh dìreach a dhèanamh gu in-imrichean eaconamach mì-laghail gun iad a thighinn dhan Roinn Eòrpa. Tha Mghr Tusk a' tadhal air a' Ghrèig mar phàirt de dh'oidhirp dèiligeadh ri staing nan in-imrichean. Thuirt e ri daoine nach fhiach dhaibh a bhith a' cur uidhear a chuideam air faighinn dhan Roinn Eòrpa.

Coinneamh

Tha Dàibhidh Camshron a' coinneachadh ri Ceann-suidhe na Frainge, Francois Hollande, ann am baile Amiens an Ceann a Tuath na Frainge. Tha dùil gun tèid bruidhinn air suidheachadh nan in-imrichean ann an Calais, 's an campa aca an sin ga thoirt às a chèile gu ìre. Tha Ministear Eaconamaidh na Frainge, Emmanuel Macron, ag ràdh gur dòcha gu leigeadh an Fhraing le in-imrichean siubhail a Bhreatain gun sgrùdadh sam bith, ma bhòtas Breatain an EU fhàgail.

Obair-lannsa

Chaidh stad a chur air cuid de dh'obair lannsa ann an ionad leigheas eanchainn aig làrach ospadal na bàn-righinn Ealasaid ann an Glaschu, às dèidh aodion òtrachais. Chaidh aon seòmar-lannsa a dhùnadh, 's chan eil ach leigheas èiginneach ga thoirt seachad ri lìnn a' chunnart ghànrachaidh. Sgàin pìoban sna uardan os cionn an ionaid Dihaoine - ag adhbhrachadh aodion. Cha deach an t-ionad a leasachadh nuair a chaidh an t-ospadal ùr a thogail, 's tha dùil gun tèid seòmraichean-lannsa ùra a thogail an ath-bhliadhna.

Ola

Tha slaic ga thoirt air Riaghaltas na h-Alba a thaobh gluasad ola eadar soithichean ann an Linne Mhoireibh. Tha Ughdarras Chala Chrombaigh a' sireadh cead 8 muillean tonna a ghluasad eadar bhàtaichean aig beul Linne Chrombaigh. Tha am Ball Pàrlamaid, Iain Blackford, air dàil iarraidh air a' chùis bho Riaghaltas Westminster ach am beachdaich Riaghaltas na h-Alba air. Ach, thuirt ball uaineach na Gàidhealtachd, Iain Finnie, gun robh cothrom gu leòr aig Riaghaltas na h-Alba am beachdan a chur an cèill tro cho-chomhairleachaidh phoblaich, ach gun do roghnaich iad gun càil a ràdh. Tha sinn a' feitheamh beachd an Riaghaltais.

Leabharlainn

Bhiodh Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid a' briseadh an lagh ma leanas iad le plana leabharlainn sgoile agus bhanaichean leabharlainn a ghearradh, a rèir bhall na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Mìcheal Ruiseal. Tha a' Chomhairle ag ràdh gun tèid planaichean ionadail a chur an sàs ann an sgoiltean a dhèanamh cìnnteach gum faigh sgoilearan taic leabharlainn a chleachdadh. Ach thuirt Mghr Ruiseal gum biodh a' Chomhairle a' briseadh an cuid uallaichean reachdail ma thèid am plana air adhart.

Aonta ionmhais

Tha Roinn an Ionmhais a' cur an aghaidh iarrtasan bho bhuill-phàrlamaid na h-Alba pàipearan fiosrachaidh fhoillseachadh mun aonta ionmhais a chaidh a ruighinn bho chionn ghoirid eadar an dà riaghaltas. A' toirt seachad fianais aig Pàrlamaid na h-Alba, thuirt Àrd Rùnaire Roinn an Ionmhais, Greg Hands, gun cuireadh leithid a dh'fhoillseachadh seasamh nan còmhraidhean eadar an dà riaghaltas ann an cunnart.

Toitean E

Tha dùil gun cuir buill ann am Pàrlamaid na h-Alba taic an-diugh ri reachdas a nì cuingealachadh air a bhith a' reic thoitean eileactronigeach. Cuiridh Bile Slàinte Riaghaltas na h-Alba casg air daoine fo 18 na h-innealan a cheannach. Dheadh an sanasachd a chuingealachadh cuideachd. Thuirt Ministear na Slàinte Poblaich, Maureen Watt, gun cuireadh an reachdas riaghailtean an sàs air na h-uidheaman airson a' chiad uair, ma thèid e troimhe.