Pàirc nan Laoch
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Sgitheanaich deiseil

2 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tillidh iomain sa Phrìomh Lìog a Phort Rìgh 'son a' chiad turas ann an 14 bliadhna Disathairne.

Cuiridh na Sgitheanaich fàilte air Lòbhat, an sgioba a bhuannaich Cupa na Camanachd an-uiridh.

Tha na h-eileanaich air adhartas iongantach a dhèanamh fo stiuìr Iain MhicLeòid.

Cha do chaill iad geama lìge ann an dà bhliadhna, is iad air èirigh bho Lìog Tuath 1 dhan Phrìomh Lìog.

Tha fios aca gum bi nas duilghe aig an ìre as àirde den spòrs, ach tha iad deiseil 'son an dùbhlain.