Làrach Àird nan Saor air a' mhargaidh

  • 1 Am Màrt 2016
Seann ghàradh ola Àird nan Saor Image copyright Port Àird nan Saor Earranta

Chaidh seann ghàradh ola Àird nan Saor a chur air a' mhargaidh is a' chompanaidh a bha a' dol a dhèanamh leasachadh air ann an rianachd.

Bha uair a bha na mìltean ag obair sa ghàradh faisg air Inbhir Nis.

Dhùin an gàradh ann an 2001 is an t-iarrtas 'son clàran ola is gas air tuiteam.

Bha plana ann às dèidh sin taighean a thogail air an làraich, gus an deach gnìomhachas an taigheadais air ais.

Plana ùr

Air a' cheann thalll, chuir a' chompanaidh Port Àird nan Saor Earranta air adhart plana ùr.

Bha iad an dùil ionad a thogadh uidheamachd dha gnìomhachas a' chumachd ath-nuadhachail a stèidheachadh air an làraich.

Chaidh a' chompanaidh ann an rianachd aig deireadh 2015.

Tha dearbhadh a-nise gu bheil làrach Àird nan Saor air a' mhargaidh.