Aileen NicLeòid ann an Uibhist a Deas

  • 29 An Gearran 2016
Loch Baghasdail

Tha Ministear Ath-leasachaidh an Fhearainn ann an Uibhist a Deas Diluain is i ag ràdh gu bheil Riaghaltas na h-Alba air 52 coimhearsnachd a chuideachadh leis am fearann a cheannach le taic £9m à Stòras an Fhearainn.

Thuirt Aileen NicLeòid gur e eisimpleir a th' ann an Uibhist a Deas air mar as urrainn dha coimhearsnachdan soirbheachadh às dèidh dhaibh smachd a ghabhail air am fearann.

Cheannaich muinntir an àite an oighreachd aca ann an 2006.

'S iad Stòras Uibhist a tha ga ruith.

Thuirt an Dr NicLeòid gu bheil còrr is 500,00 acair air feadh Alba a-nise ann an làmhan na coimhearsnachd, is gu bheil 70% de mhuinntir nan Eilean Siar a' fuireach air fearann coimhearsnachd.

Leudachadh

Thuirt Riaghaltas na h-Alba roimhe gu bheil iad airson Stòras an Fhearainn a leudachdh gu £10m sa bhliadhna eadar 2016-2020.

A rèir an Dr NicLeòid, bhiodh sin na chuideachadh do choimhearsnachdan eile is i ag ràdh gu bheil Alba air an t-slighe dhan targaid de mhuillean acair a bhith ann an làmhan na coimhearsnachd.

Thàinig rabhadh, ge-tà, bhon bhuidhinn Fearann Coimhearsnachd na h-Alba.

Thuirt Peadar Peacock bhon bhuidhinn gu bheil adhartas air a bhith ann, is gu bheil obair a' dol gus Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn a neartachadh.

Tha slighe mhòr ann fhathast, thuirt e, gus an targaid de mhuillean acair ro 2020 a ruighinn.

Bu chòir coimhearsnachdan tighinn air adhart, thuirt Mgr Peacock, gus brath a ghabhail air na cothroman a tha a-nise ann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile