Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

EU

Chuir ceannardan còrr 's an treas cuid de chompanaidhean mòra Bhreatainn an ainm ri litir ag iarraidh Breatainn a chumail anns an Aonadh Eòrpach. Tha an litir, anns an Times an-diugh, a' cur taic ri beachd Dhàibhidh Chamshroin gun cuireadh tarraing a-mach às an EU eaconomaidh na dùthcha ann an cunnart. Tha dà thrian de chompanaidhean a th' air clàr FTSE 100 nach do chuir an ainm ris an litir agus tha an iomairt airson Breatainn a thoirt a-mach às an EU ag ràdh gur e dearbhadh a tha sin gu bheil a cheist a' dèanamh sgaraidh a-measg luchd-gnothaich.

Nurs

Tha an nurs Albannach Pauline Cafferkey anns an ospadal a-rithist airson an treas turas bho thàinig an galair Ebola orra. Thog i an galair an toiseach nuair a bha i ag obair ann an Sierra Leone san Dùbhlachd ann an 2014.

Aonta ionmhais

Dh'innis Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, do Chomataidh na Fèin Riaghlaidh ann am Pàrlamaid na h-Alba gur e aon chuspair a tha, uair an dèidh uair, a' cur stad air aonta airson bunreachd fiosgal na h-Alba. Thuirt Mgr Swinney gu bheil aonta ann mun a h-uile rud ach an an t-atharrachadh air a' chnap airgid calpa a tha Riaghaltas Westminster a' cur a dh'Alba. Theid Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, mu choinneimh na comataidh an dèidh Mhghr Swinney.

Tubaist

Chaidh trèana far na rèile anns an Òlaind agus chaidh aon duine, air a char 's lugha, a mharbhadh. Thachair e nas tràithe air a' mhadainn faisg air baile Dalfsen, air taobh sear na dùthcha.

Bailey Gwynne

Thèid gille, a tha sia bliadhna deug a dh'aois, dhan Àrd Chùirt ann an Obar Dheathainn an ath-sheachdainn fo chasaid gun do mhurt e gille-sgoile aig Acadamaidh na Cuilt sa bhaile. Nochd an gille, nach fhaodar ainmeachadh fon lagh, aig èisteachd ann an Glaschu an-diugh. Tha e fo chasaid gun do mhurt e Bailey Gwynne, a bha 16, san Dàmhair an-uiridh.

Gearraidhean

Thuirt an t-aonadh Unison gun toir gearraidhean Chomhairle na Gàidhealtachd droch bhuaidh air an sgìre gu lèir. Agus thuirt rùnaire an aonaidh air a' Ghàidhealtachd gu bheil dragh air luchd-obrach aig a Chomhairle mun bhuaidh agus uallach na h-obrach a thig orra-san le gearradh cosnaidh aig an ùghdarras, a tha ag amas air £40m a chaomhnadh air an ath-bhliadhna ionmhais.

Sgoiltean Sgitheanach

Thuirt Cathraiche an Fhoghlaim aig Comhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Sgitheanach Drew Millar, gur e briseadh duil a th' ann am breithneachadh cùirte a chuir stad air plana na Comhairle 'son ceithir bhun-sgoiltean ann an ceann an iar thuath an Eilein Sgitheanaich a dhùnadh agus aon sgoil ùr a thogail nan àite. Dh'aontaich Siorram ri Panal Breithneachaidh Dùnadh nan Sgoiltean a dhiùlt cead dhan Chomhairle bun-sgoiltean san Aodann Bhàn, sa Chnoc Bhreac, san t-Sruthan agus ann an Dùn Bheagain a dhùnadh, agus tè ùr a thogail nan àite ann an Dùn Bheagain.