"Buaidh uabhasach" nan gearraidhean

  • 23 An Gearran 2016
Airgead Image copyright Getty Images

Thuirt an t-aonadh Unison gum bi buaidh uabhasach aig gearraidhean Comhairle na Gàidhealtachd air an sgìre gu lèir.

Tha rùnaire an aonaidh air a' Ghàidhealtachd ag ràdh gu bheil dragh air buill mu uallach a bharrachd agus faisg air 350 duine a' fàgail an cosnadh len toil.

Feumaidh Comhairle na Gaidhealtachd aontachadh air gearraidhean de £40m.

Sàbhalaidhean

Bidh aca ri sàbhalaidhean luach còrr 's £20m a dhèanamh nuair a thig buidseat na h-ath-bhliadhna.

Thug runaire Unison aig tuath, Iain Gibson, rabhadh mu bhuaidh nan gearraidhean.

Thuirt Mgr Gibson gu bheil dragh air buill gum bi uallach a bharrachd orra agus nach bi obair agus seirbheisean na comhairle aig an ìre a bu chòir.

Lùghdachadh

Thuirt e gum feum am poball a bhith mothachail gun tig lùghdachadh air seirbheisean agus gun sguir feadhainn eile buileach glan.

Tha dragh air Mgr Gibson gun caill cuid de luchd-obrach na comhairle an cosnadh an aghaidh an toil air a' cheann thall.

Thèid buidseat na Comhairle a stèidheachadh Diardaoin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile