Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

EU

Bheir Dàibhidh Camshron argamaid airson fuireach anns an Aonadh Eorpach gu Taigh nan Cumantan an-diugh agus e a' moladh an aonta ùir leis an do thill e às a Bhruiseal, le referendum air an 23mh dhen Òg-Mhìos. Fhuair am Prìomhaire buille agus Boris Johnson a' cur a thaic ris an iomairt airson Breatainn a thoirt a mach às an EU, mar a tha sianar ann an caibineat an Riaghaltais.

Beinn Nibheis

Dh'iarr luchd-teasargainn a tha a' coimhead aison dithis air Beinn Nibheis fiosrachadh air streapeadairean eile mu na slighean a tha iad a' gabhail air a' bheinn. Tha Sgioba Theasargainn Loch Abair ag iarraidh an fhiosrachaidh gus an tèid aca air pàirtean dhen bheinn fhàgail a-mach às an rannsachadh a tha iad fhèin a' dèanamh. Tha seachdain ann a-nis bhon chualas guth bho Rachel Slater agus Tim Newton à Bradford.

Corp ga lorg

Thuirt poilis ann an Dùn Èideann a bha a' coimhead airson nighean 14 de dh'aois gun d' fhuair iad corp air cladach Phort na Banrighinn a Tuath. Chan eil dearbhadh foirmeil ann fhathast, ach chaidh innse do theaghlach Jasmine MacQuaker. Chaidh aithris a-raoir gun robh i air a dhol a dhìth.

First Oil Expro

Chaidh First Oil Expro, companaidh a tha stèidhichte ann an Obar Dheathain, gu rianachd agus Enquest and Cairn Energy a' gabhail earrann 15% na companaidh ann an raon-ola Kraken anns a' Chuan a Tuath. Thòisich First Oil a' gearradh air ais an-uiridh le buaidh prìs na h-ola a' tuiteam.

Eileanan

Tha a' chiad ìre de chòmhraidhean eadar na comhairlean eileanach agus Riaghaltas na h-Alba, mu thuilleadh chumhachdan dha na h-eileanan, a' tighinn gu ceann an diugh. 'S ann an Sealtainn a tha a' choinneamh mu dheireadh ris an Riaghltas seo, ron taghadh anns an Chèitean.

HSBC

Dh'innis am banca as motha ann am Breatainn, HSBC, gun deach am prothaid ro chìsean an-uiridh suas 1% gu £13.2bn. Ged a tha sin nas lugha na bha eòlaichean an dùil, thuirt am banca gu bheil iad riaraichte le sin an dèidh mì-chinnt mhòr mu eaconomaidh an t-saoghail.