Bhàsaich dithis ann an teintean

  • 22 An Gearran 2016
Teine an Ulapul Image copyright Brian Smith
Image caption An taigh an Ulapul far na bhàsaich boireannach

Tha dithis air bàsachadh an dà thèine eadar-dhealaichte air a' Ghàidhealtachd thairis air an deireadh-sheachdain.

Chaidh fios a chur air na seirbhisean smàlaidh mu 15:30 Disathairne gun robh teine ann an dachaigh ann an Ulapul.

Dhearbh na poilis gun do bhàsaich boireannach.

Bha tèine eile ann an Goillspidh Là na Sàbaid anns an do bhàsaich firinneach.

Chaidh fios a chur air teaghlaichean an fheadhainn a bhàsaich air an deireadh-sheachdain ged nach deach an ainmeachadh fhathast.

Tha rannsachadh nam poileas air dè dh' adhbharaich na teintean a leantainn.