Tuilleadh ghearraidhean sna h-Eileanan Siar

  • 18 An Gearran 2016
Comhairle nan Eilean Siar

Stèidhich Comhairle nan Eilean nan Siar am buidseat aca ann an coinneimh Diciadain.

Ghabh iad ri faisg air £1.5m de ghearraidhdean, gan toirt gu sàbhalaidhean £8.5m ann am buidseat na bliadhna seo gu lèir.

Bha iad air còrr air £6m a chomharrachadh rona seo.

Agus tha rabhadh ann gu bheil a h-uile coltas gum bi aca ris na milleanan notaichean a shàbhaladh a-rithist an ath-bhliadhna.

An Roinn Phrìobhaideach

Am measg na chaidh aontachadh, tha gun tèid Taigh-Spadaidh Steòrnabhaigh a chumail fosgailte, ach gun tèid cosgaisean do luchd-cleachdaidh an-àirde.

Thèid a' chafaidh ann an Leabharlann Steòrnabhaigh a thabhann air an roinn phrìobhaidich.

Cha deach sàbhalaidhean aontachadh a thaobh stèisean nam busaichean ann an Steòrnabhagh, agus na taighean-beaga poblach, agus dùil ri sgrùdadh nas fharsainne, le roghainn an cur chun na roinne prìobhaidich.

Chaidh aontachadh, ri linn 's gu bheil RET air na h-aiseagan gu lèir, gun tèid sgeama lasachaidh na Comhairle air faraidhean eadar na h-Eileanan fhèin a thoirt gu ceann.

"Tha sinn toilichte gun tàinig sinn gu co-dhùnadh, 's cha robh dol às againn ach buidseat a stèidheachadh," thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"Tha mi a' smaoineachadh gu ìre mhòir gu bheil a' chuid mhòr de na buill leagte ris gu bheil sinn a' gabhail air bòrd nam beachdan a bha a' choimhearsnachd a' nochdadh dhuinn thairis air a' dhà no trì mhìosan a chaidh seachad agus gun d' fhuair sinn air a' bhuaidh as miosa a sheachnadh leis na rudan a bha sinn ag amas air 's dòcha aig deireadh na bliadhna a chaidh seachad.

"A dh'aindeoin sin 's e rud air leth duilich a bh' ann £8.5m ga ghearradh a-mach às a' bhuidseat againn, agus chan eil dòigh ann nach eil sin a' toirt buaidh air dòigh air choireigin air na seirbheisean a tha sinne a' lìbhrigeadh," thuirt e.

Am measg nan gearraidhean eile a chaidh aontachadh, thèid bhuidseat càraidh nan rathaidean ìsleachadh, agus thèid tidsearan ealain, spòrs is ciùil a tha a' siubhal eadar na sgoiltean a ghearradh - ged a thèid na tidsearan a chumail an cosnadh.

Chaidh a dhearbhadh cuideachd gun tèid clann aig dachaigh Hillcrest a chur gu cùram dalta.

Comhairle eile

"'S e an rud a rinn sinn a thaobh nan rudan sin, fhuair sinn air ùine a thoirt dhuinn fhìn coimhead ri sinn sa bhliadhna a tha romhainn, agus na sàbhalaidhean a tha sin a phùtadh air ais co-dhiù chun na h-ath-bhliadhna," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Agus bidh sinn a' cleachdadh na h-ùine sin airson a bhith cinnteach dha-rìribh, gu h-àraid a thaobh Hillcrest, gu bheil a h-uile duine cofhurtail agus a' faicinn gur e seirbheis nas fheàrr a tha sinn gu bhith a' lìbhrigeadh dhan chloinn.

"Chan eil dol às againn ach ar dleastanas a thaobh na cloinne a tha sin a choileanadh, agus nì sinn sin, agus bheir sinn a' choimhearsnachd, tha sinn an dòchas, leinn ann a bhith a' dèanamh nan co-dhùnaidhean a tha sin.

"Tha e gu bhith duilich an ath-bhliadhna buidseat a stèidheachadh bho thoiseach a' Ghiblein, agus 's ann aig a' Chomhairle seo a bhios an co-dhùnadh sin ga dhèanamh, ged a bhios comhairle ùr a' tighinn a-steach beagan mhìosan às dèidh sin.

"Tha e gu bhith duilich dha-rìribh.

"Tha sinne a' meas aig an ìre seo gur dòcha gum bi gearraidhean de timcheall air £5m co-dhiù againn ri dhèanamh an ath-bhliadhna.

"Agus tha sin gun fios a bhith againn air dè tha an Riaghaltas a' dol a thoirt dhuinn.

"Ma 's e 's gu bheil iadsan a' dol a dhèanamh gearraidhean coltach ris na rinn iad am-bliadhna, bidh e tòrr nas miosa na sin," thuirt e.