Clì Gàidhlig a' sgur den cuid obrach

  • 16 An Gearran 2016
Suaicheantas Chlì Gàidhlig

Sguiridh an obair aig buidheann an luchd-ionnsachaidh Clì an ath-mhìos.

Dh'innis iad gun dùin an oifis aca, gum bi an stiùiriche aca a' fàgail a dreuchd, nach bi iad a' ruith chlasaichean tuilleadh, agus gun sguir iad a dh'fhoillseachadh na h-iris air-loidhne aca "Cothrom Ùr."

Ach tha iad ag ràdh nach tèid a' bhuidheann fhèin à bith 's gu bheil iad airson feuchainn ri rudan ùra a chur air dòigh a nì iad.

Bidh sin gu ìre mhòir a' crochadh air am faigh iad àite anns an structar ùr a tha Bòrd na Gàidhlig a' cur ri chèile airson seirbheis a chumail ri luchd-ionnsachaidh inbheach.

Thàinig an cùmhnant a bha aig Clì le Bòrd na Gàidhlig gu crìch an-uiridh, ach thuirt am Bòrd gun cumadh iad a' dol iad le airgead a bharrachd chun a' Mhàirt am-bliadhna.

Tha sin a-nis air teireachdainn, agus chan eil roghainn aig Cli ach sguir de an cuid obrach.

Ann am brath sgrìobhte a chuir iad gu BBC Radio nan Gàidheal, thuirt bòrd-stiùiridh Chlì gun robh iad an dòchas a' bhuidheann a chumail a' dol anns an àm ri teachd, ge-tà.

"Bidh sinn a' dùnadh na h-oifis againn ann an Inbhir Nis, agus a' cur stad air na clasaichean againn, Cothrom Ùr, agus na seirbheisean eile a th' againn anns na mìosan a tha romhainn.

"A dh'aindeoin na h-atharraichean seo, tha sinn fhathast airson Clì a chumail a' dol mar ghuth an neach-ionnsachaidh inbheach.

"An-dràsta tha sinn a' leasachadh iarrtasan airson seirbheisean a bu mhiann leinn a chur mu choinneimh san àm ri teachd, a' gabhail a-steach dreach ùr dhen iris Cothrom Ùr, clasaichean còmhraidh ùra, agus seirbheisean eile airson ar ballrachd a chuideachadh ann a bhith a' conaltradh leis a' choimhearsnachd Ghàidhlig."