Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Thàinig na Stàitean Aonaichte agus an Ruis gu aonta ag amas air fois bhon chogadh shìobhalta ann an Siria, a' tòiseachadh an ceann seachdain. Chan eil an t-aonta, dhan tàinig còmhraidhean eadar-nàiseanta ann am Munich an-raoir a' toirt buaidh sam bith ge-tà, air ionnsaighean na Ruis air targaidean ann am baile Aleppo, no air buidhnean ceannairc.

Earra-Ghàidheal is Bòd

Cuir comhairlichean Earra-Ghàidheal is Bhòid luach £10m de ghearraidhean romhpa air an ath-bhliadhna-ionmhais. Thèid 80 cosnadh a chall. Thèid nas lugha a chosg air na rathaidean agus gearradh an fheòir, agus cha bhi iad a' falmhachadh nam bionaichean sgudail ach aon turas a h-uile trì seachdainnean. Agus dh'aontaich iad ionadan-spòrs agus cur-seachad a chur fo urras charthannais.

GlaxoSmithKline

Chuir Ùghdarras na Farpais agus Margaidh càin de £37m air a' chompanaidh GlaxoSmithKline a tha a' dèanamh chungaidhean leighis. Thuirt an t-ùghdarras gun robh, eadar 2001 agus 2004, GlaxoSmithKline a' pàigheadh chompanaidhean nas lugha airson an dreach fhèin den droga airson trom-inntinn, Seroxat, a chumail far na margaidh. Tha GlaxoSmithKline a' beachdachadh air tagradh an aghaidh na càin. Chaidh càin nas lugha air dhà de na companaidhean beaga a ghabh airgead.

Pàigheadh Co-ionnan

Thig air companaidh aig a bheil còrr is 250 de luchd-obrach innse gu poblach a bheil diofar eadar na tha iad a' pàigheadh do dh'fhir agus boireannaich a bu chòir a bhith aig an aon ìre airson tuarastail. Tha na figearan às ùire ag ràdh gu bheil boireannaich ann am Breatainn a' cosnadh san fharsainneachd 20% nas lugha na tha fir.

Am Blàr Dubh

Tha luchd-smàlaidh às Inbhir Nis, Inbhir Pheofharain agus às a' Mhanachainn a' strì ri teine aig togalach air raon-gnìomhachas air a' Bhlàr Dhubh air taobh sear Rois. Thuirt Poilis gu bheil an rathad eadar am Blàr Dubh agus a' Mhanachainn, an A862, dùinte an-dràsta.

Tuathanaich

Tha dùil gun tèid Ministear nan Cùisean Dùthchail, Ridseard Lochhead, a cheasnachadh gu cruaidh an-diugh mun mhaill ann an subsadaidh do thuathanaich agus croitearan, agus e ann an Cille Rìmhinn aig coinneimh bhliadhnail Aonadh nan Tuathanach. 'S e trioblaid le siostam coimpiutair ùr, a chosg a-niste còrr is £160m, as coireach gur e glè bheag a fhuair fhathast airgead a' Bhasic Payment Scheme ris an robh dùil aca aig deireadh na bliadhna an-uiridh no tràth am-bliadhna air a' char as fhaide.

Bàta-slaodaidh

Tha Fear-Gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gu math nas dòchasaiche gun tèid bàta-slaodaidh a ghlèidheadh anns a' cheann a tuath. Tha an cùmhnant airson an tug èiginn a tha stèidhichte ann an Arcaibh a' tighinn gu ceann aig deireadh a' Ghiblein gun ghealltanas air leudachadh bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Ach tha Tormod Dòmhnallach ag ràdh an dèidh coinneimh an t-seachdain seo gun do rinn iad cùis làidir airson dà bhàta-slaodaidh - tè anns a' Chuan a Tuath, agus tè air a' chosta an iar.