Dòchas fhathast mu bhàta-slaodaidh

  • 12 An Gearran 2016
Bàta-slaodaidh

Tha Comhairle nan Eilean Siar den bheachd gu bheil dòchas ann gun tèid am bàta-slaodaidh a tha a' frithealadh a' Chuain Sgìth agus nan Eileanan mu Thuath a shàbhaladh.

Chan eil an-dràsta ach aon bhàta-slaodaidh sa cheann a tuath, stèidhichte an Arcaibh, 's i an-urra ris a' chosta an ear, an costa tuath, agus an costa an iar.

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nach robh dùil aca an cùmhnant a leudachadh às dèidh dhi tighinn gu ceann sa Ghiblean am-bliadhna.

Ach, tha measadh sàbhailteachd a rinn Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich air co-dhùnadh a ruighinn gu bheil feum air bàta-slaodaidh.

"A rèir a' mheasaidh shàbhailteachd a rinn an MCA, chan eil mise a' smaointinn gu bheil dol às aig an Riaghaltas ach goireas air choireigin a bhith ann," thuirt Fear-Gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

"Air sgàth 's gur ann air Riaghaltas Bhreatainn a tha an t-uallach gach cuid sàbhailteachd agus a bhith a' dìon na h-àrainneachd mu thimcheall nan cladaichean againn - agus chan urrainn dhaibh sin a leigeil às gun measadh àrainneachd agus measadh sàbhailteachd a bhith a' sealltainn gu bheil e sàbhailte dhaibh sin a dhèanamh.

"Agus tha sinne a' cumail a-mach gu bheil e ao-comasach dhaibh sin a dhèanamh," thuirt e.