Dùil ri co-dhùnadh air buidsead Earra-Ghàidheal

  • 11 An Gearran 2016
Airgead

Feumaidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gearraidhean luach £9m a dhèanamh san ath-bhliadhna-ionmhais aig coinneimh na Làn-Chomhairle Diardaoin.

Feumaidh a' Chomhairle cuideachd an aon shuim air a' bhliadhna às dèidh sin.

Am measg na dh'fhaodadh tachairt, dh'fhaodadh còrr is 40 taigh-beag poblach dùnadh, gun sguir seirbheis bhana an leabharlainn, 's nach fhaicear solais Nollaige san àm ri teachd.

Anns na sgoiltean, tha dùil gun tèid na tha de luchd-taic seòmrair-chlas a lùghdachadh, am measg rudan eile.

Chuir buidheann de thriùir chomhairlichean buidsead eile air adhart ge-tà, agus mì-thoileachas mòr san sgìre mu na gearraidhean seo.

Tha a' bhuidheann airson gun deadh tuilleadh chumhachdan a thoirt dha na ceithir comataidhean sgìreil, nas lugha àrd-dhreuchdan a bhith sa Chomhairle.

Chan eil coltas ann gun tèid gabhail ris a' bhuidsead sin.