Comhairlean a' gabhail ri tabhartas

  • 10 An Gearran 2016
Airgead

Cha robh roghainn eile aig Comhairle nan Eilean Siar ach gabhail ris an aonta a chuir Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, mu choinneimh ùghdarrasan ionadail.

Sin beachd Fhir-Ghairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

Bidh buidseat na Comhairle ga aontachadh Diciadain seo tighinn.

"Chan eil dòigh ann as urrainn dhuinn an t-aonta a dhiùltadh, air sgàth 's gum bi sinn air ar peanasachadh ma nì sinn sin," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Chailleadh sinn còrr air £2m a bharrachd ma 's e 's nach gabhadh sinn ris na molaidhean a tha a' tighinn bhon Riaghaltas.

"'S e sin as coireach gu bheil sinn a' sgrìobhadh gu Mgr Swinney ag ràdh gu bheil sinn a' gabhail ris an aonta mar a tha e, ged a tha rudan ann mu dheidhinn nach eil sinne ro thoilichte mu dheidhinn," thuirt e.

Thuirt Ceannard Comhairle Mhoireibh, Stiùbhart Cree, gu bheil iadsan cuideachd air gabhail ris na bha Riaghaltas na h-Alba a' tabhainn, ach, gur e "cùis nàire do dheamocrasaidh ionadail" a th' ann.

Bha Comhairle Mhoireibh a' beachdachadh air àrdachadh de 18% anns a' chìs chomhairle, ach chuir iad sin an dàrna taobh ri linn nam peanasan ionmhais a bhiodh mun coinneimh nan deadh iad air adhart leis.

Thathas a-nise a' toirt £8m bho stòras airgid, airson a' bhuidseat aca a chothromachadh.