Ratharsair fhathast gun nurs

  • 10 An Gearran 2016
Inbhir Àrais

Tha buidheann ann an Ratharsair ag iarraidh coinneimh le NHS na Gàidhealtachd, agus dragh ann nach deach banaltraim fhastadh dhan eilean fhathast.

Tha seo a' tighinn an dèidh mar a dh'fhailich air an NHS cuideigin a chur dhan dreuchd air a' mhìos a chaidh.

Thuirt Seirbheis Slàinte na Gàidhealtachd gum feumte sùil a thoirt air fuasglaidhean eile an toiseach, mus tachair càil eile.

Tha seo fhathast a' fàgail an eilein gun nurs corra uair taobh a-muigh nan uairean-obrach àbhaisteach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo