Soirbheachas do bhalaich Uibhist a Tuath

  • 9 An Gearran 2016

Chaidh gu math do bhalaich cluba lùth-chleasachd Uibhist aig farpais ann an Glaschu.

Chrìochnaich iad san treas àite san fharpais son balaich fo aois 12 bliadhna.

Rinn fear dhan sgioba, Calum Dòmhnallach, nas fheàrr buileach, a' criochnachadh san dara àite anns an leum-fhada.

Bha, Seumas MacÌosaig, Shaun Dòmhnallach agus Caomhainn Peutan cuideachd san sgioba.

Cha deach cho math ge-tà dhan chloinn-nighean.

Bha an sgioba aca san 31mh àite.