Bàta-slaodaidh a' Chost an Iar 'deatamach'

  • 9 An Gearran 2016
Bàta-slaodaidh
Image caption Thugadh bàta-slaodaidh stèidhichte air falbh bhon Chuan Sgìth bho chionn beagan bhliadhnaichean airson airgead a chùmhnadh.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil e cho deatamach 's a bha e a-riamh gum bi bàta-slaodaidh stèidhichte air an taobh siar.

Bidh iad air an riochdachadh aig coinneimh mun chùis an t-seachdain seo aig Buidheann na Mara is nam Maor-Cladaich.

Chaidh am bàta-slaodaidh èiginneach a bha a' frithealadh air a' chosta an iar a tharraing ann an 2012, mar phàirt de ghearraidhean Riaghaltas Westminster.

Bha iomairt a' leantainn bhon uair sin gus am bàta a stèidheachadh às ùr.

Thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gu bheil grunn rudan air tachairt aig muir air a' chosta an iar anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh a tha a' sealltainn gu bheil feum air bàta-slaodaidh.

Do-chreidsinneach

Thuirt e gu bheil e do-chreidsinneach gu bheil ceist ann a-nis mun bhàta-slaodaidh air a' chosta a tuath, agus an cùmhnant sin a' tighinn gu ceann ann an dà mhìos.

Bidh Mgr Dòmhnallach aig coinneimh mun ghnothach ann an Dùn Èideann Diciadain.

'S iad Buidheann na Mara is nam Maor-Cladaich a chuir a' choinneamh air dòigh.

Thuirt Mgr Domhnallach nach eil fhios aig a' Chomhairle fhathast dè tha an Riaghaltas a' dol a dh'fhoillseachadh aig a' choinneimh.

"Tha sinne an dòchas gum biodh iad airson coimhead a-rithist air dà bhàta-slaodaidh a bhith ann - tè aig tuath agus tè mun Iar - agus gur e sin fuasgladh na cùise," thuirt e.