Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Assange

Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèine nach gabh iad idir ri co-dhùnadh panail aig na Dùthchannan Aonaichte a thuirt gu bheil an duine a stèidhich an làrach-lìn Wikileaks, Julian Assange, an grèim gu mì-chothromach. Ghabh esan comraich ann an Ambasaid Eacuadoir ann an Lunnainn gus nach tèid a chur an aghaidh a thoil dhan t-Suain far a bheil e fo amharas mu ionnsaighean drabasta. Thuirt panal an UN gum bu chòir a shaorsa a thoirt dha, agus airgead dìolaidh a bharrachd air sin.

An t-Aonadh Eòrpach

Tha Dàibhidh Camshron sa Phòlainn agus anns an Danmhairg an-diugh 's e ag iarraidh taic dhan phlana airson atharrachadh ann am ballrachd Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach. Tha a' Phòlainn gu ruige seo air a bhith a' cur an aghaidh casg air sochairean do luchd-imrich bho thaobh a-staigh an AE a tha Mgr Camshron a' moladh, agus esan an dòchas gun tèid gabhail ris an aonta ùr aig coinneimh nan ceannardan Eòrpach an ceann cola-deug.

Cìs a' Chosnaidh

Tha rannsachadh neo-eisimeileach ag ràdh, nam biodh aon sgilinn a bharrachd air a' chìs chosnaidh an Alba, mar a tha na Làbaraich ag iarraidh, gun sàbhaileadh e an treas cuid de na gearraidhean a tha san amharc aig an Riaghaltas. Tha an Resolution Foundation ag ràdh gur ann air na daoine as beartaiche as motha a thuiteadh a' chosgais, agus gum faodadh e pàigheadh nas fheàrr a thoirt do dhaoine nach eil cho maith dheth.

Marine Harvest

Caillidh còrr is 80 duine an cosnadh aig Marine Harvest ro dheireadh na mìos. Tha dùil gur ann aig ionadan giollachd agus tuathanas aig muir a bhios a' mhòr-chuid dhiubh sin. Chaidh gealltainn do chomhairliche ann am Fìobha nach bi call-cosnaidh aig factaraidh Ros Saoithe, 's tha sin a' fàgail ceist a-niste mun fhactaraidh anns a' Ghearasdan. Dhiùlt luchd-obrach pàigheadh nas lugha agus uairean-obrach nas giorra mar dhòigh air an obair a ghlèidheadh.

Bann-leathann

Bidh riochdairean BhT agus Openreach ann am Port Rìgh an-diugh aig coinneimh phoblaich mu bhann-leathann san Eilean Sgitheanach. 'S e Ball-Pàrlamaid na sgìre, Iain Blackford a chuir a' choinneamh air dòigh an dèidh mòran gearain air cho truagh 's a tha bann-leathann na sgìre. Chaill mòran an ceann an iar-thuath an eilein an t-seirbheis gu lèir airson ùine aig deireadh na bliadhna an-uiridh.

Eileanan a' Chosta an Iar

Tha Comhairle Coimhearsnachd Thiriodh ag ràdh gun fhiach beachdachadh air ùghdarras ionadail ùr airson eileanan a' chosta an iar air fad. Tha sin am measg na chuir iad ann am freagairt gu Bile nan Eilean. Tha iad ag ràdh gu bheil Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid mar a tha i ro mhòr, agus gum biodh tuigse nas fheàrr aig ùghdarras ùr eileanach air suidheachadh nan sgìrean sin.