Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Thuirt an t-àrd-Thòraidheach Liam Fox gum bi air a' char as lugha còignear de mhinistearan an Riaghaltais ag iomairt airson Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach. Ged a tha Daibhidh Camshron air dreach de dh'aonta fhaighinn airson atharrachadh air ballrachd Bhreatainn anns an AE, thuirt Liam Fox gum bu chòir cead a bith aig ministearan am beachd fhèin a dhèanamh follaiseach air cuspair a dh'fhaodadh, thuirt e, sgaradh maireannach a dhèanamh anns a' phàrtaidh. Bruidhinnidh Mgr Camshron ri Taigh nan Cumantan tràth feasgar, agus tha Pàrlamaid na h-Eòrpa a' deasbad na cùise an-dràsta fhèin.

Cìs a' Chosnaidh

Bidh bhòt ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar air cìs a' chosnaidh, 's na Làbaraich 's na Lib-Deamaich ag iarraidh air an Riaghaltas a' chìs a chur suas airson dìon a chur air seirbheisean poblach. Tha na ministearan a' diùltadh àrdachadh, 's iad ag ràdh gur e tuarastal nas fheàrr do luchd-obrach an dòigh as fhasa air sin a dhèanamh.

Taghadh Poblachd na h-Èireann

Bidh taghadh coitcheann gu math nas tràithe na bha dùil ann am Poblachd na h-Èireann. Thuirt an Taoiseach, Enda Kenny, an-diugh gum bi an taghadh ann air an 26mh là den mhìos seo.

Màrtainn Dòmhnallach

Tha saoghal na Gàidhlig agus nas fharsainne a' caoidh an fhir-naidheachd agus craoladair ainmeil Màrtainn Dòmhnallach. Bha e 78. Bhuineadh Màrtainn do dh'Achadh a' Choirce faisg air Port Rìgh, 's thòisich e air obair-naidheachd a' cur aithris gu pàipearan-naidheachd ionadail agus nàiseanta. Chaidh e air adhart gu obair rèidio agus telebhisein aig a' BhBC agus sgrìobhadh cuideachd do phàipearan-naidheachd. B' e a sgrìobh an aithisg "Cor na Gàidhlig" air a bheil, am beachd mhòran, leaschadh na Gàidhlig stèidhichte.

999

Thàinig air Seirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba stad a chur air plana fo am biodh nas lugha de chudromachd air cuid de theachdaireachdan èiginn 999. Thuirt an t-seirbheis nach biodh an t-atharrachadh a' toirt dad de bhuaidh air sàbhailteachd. Ach thuirt Àrd-Oifigeach Meidigeach na h-Alba gu bheil dragh oirrese mun chùis, agus gum feum i fhèin sùil a thoirt air a' phlana.

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Thuirt Ministear an Fhoghlaim, Alasdair Allan, gu bheil cumhachd a-niste aig pàrantan agus coimhearsnachdan a tha ag iarraidh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig. Chuir Pàrlamaid na h-Alba taic an-raoir ri Bile ùr an Fhoghlaim, agus a rèir an Dr. Allan, bidh e gu math nas doirbhe a-niste do dh'ùghdarras ionadail iarrtas airson foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig a dhiùltadh.