Nas lugha chroitearan airidh air taic-taigheadais

  • 3 An Gearran 2016
Baile Croitearachd

Tha Riaghaltas na h-Alba am beachd gearradh sìos air an àireamh chroitearan a gheibh cothrom air taic-airgid airson taighean-croite.

Ged a tha an taic air èirigh gu £38,000 aig a' char as àirde, tha an Riaghaltas air am buidseat a ghearradh gu ìre 's gum feumar meas a dhèanamh air teachd a-steach gach croiteir airson dèanamh a-mach a bheil iad airidh air.

Thèid coimhead cuideachd ri cuin a chaidh a' chroit a thoirt seachad; dè seòrsa taigheadais anns a bheil iad an-dràsta; agus a bheil togalach no taigheadas sam bith air a' chroit no far na croite a dh'fhaodadh a bhith air a reic airson airgead a thrusadh gus taigh a thogail.

Bho chionn deich bliadhna bha £3.4m ann am buidseat an taigheadais chroitearachd.

Tha sin air crìonadh thar an ama sin gu dìreach £1.4m.

Is coltach gun tèid na molaidhean a thogail ann an coinneimh eadar riochdairean croitearachd ri Ministear na h-Àrainneachd, Atharrachadh na Sìde 's Ath-leasachaidh an Fhearainn, Aileen NicLeòid, air 29mh an Gearran ann an Uibhist.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun tigeadh tuilleadh fiosrachaidh a-mach mu na riaghailtean co-cheangailte ri na taicean-airgid ro 1mh an Giblean.