"Cumhachd" aig pàrantan

  • 3 An Gearran 2016
Clas

Tha Ministear an Fhoghlaim, Alasdair Allan, ag ràdh gu bheil cumhachd a-nis aig pàrantan agus coimhearsnachdan a tha ag iarraidh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig.

Chuir Pàrlamaid na h-Alba taic Oidhche Mhàirt ri Bile ùr an Fhoghlaim an dèidh gabhail ri atharrachadh a mhol Iain Finnie aig a' Phartaidh Uaine, a tha a' seasamh mar neo-eisimeileach ann am Holyrood.

Tha sin a' ciallachadh gum bi e gu math nas doirbhe do dh'ùghdarras ionadail iarrtas airson foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig a dhiùltadh.

Cha bhi e an urra ri comhairlean fa leth dèanamh a-mach a bheil iarrtas airson foghlaim Gàidhlig reusanta no nach eil

Thuirt Mgr Allan: "Tha mi gu math toilichte gu bheil am bile air a neartachadh a-nis agus tha ceartas nas làidire ann."

Chuir Comann nam Pàrant fàilte air an atharrachadh, agus thuirt Magaidh Wentworth bhon bhuidhinn gu bheil cothrom ann fàs a thoirt air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Ach, bha Manaidsear Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, Coinneach Moireach, ag ràdh gum faodadh cion luchd-teagaisg a bhith na thrioblaid ma thig iarrtas ùr airson foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig.

Thuirt Mgr Moireach gum feum an Riaghaltas airgead agus goireasan a thoirt do dh'ùghdarrasan ionadail mu choinneimh na dh'iarras pàrantan.