Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Uell tha dùil an ceann beagan mhionaidean ri dreach ùr de dh'aonta air àite Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach. A rèir Sràid Dhowning bidh cumhachdan ùra ann do phàrlamaidean gach dùthaich bacadh a chur air laghan Eòrpach. Thuirt Ceann-Suidhe Chomhairle na h-Eòrpa, Dòmhnall Tusk, gun robh adhartas ann an-dè, ach gun robh gnothaichean ri rèiteach fhathast. Tha am Prìomhaire Dàibhidh Camshron an dòchas gun tèid gabhail ris an aonta ùr aig àrd-choinneimh an AE nas anmoiche air a' mhìos.

Cìs a' Chosnaidh

Thuirt Pàrtaidh Làbarach na h-Alba gun cuireadh iad sgilinn air a' chìs chosnaidh an seo nam buannaicheadh iad na taghadh anns a' Chèitean. Tha an SNP ag ràdh nachbiodh an sin ach "tax grab". Ach tha a h-uile coltas ann gum bi an cuspair fìor chudromach ann an iomairt an taghaidh airson Pàrlamaid na h-Alba.

Comhairle Mhoireibh

A rèir an fhiosrachaidh a th' aig a' BhBC cha bhi Comhairle Mhoireibh a-niste a' cur àrdachaidh ri cìs chomhairle na sgìre. Bha ceannardan na Comhairle a' beachdachadh air a dhol an aghaidh casg Riaghaltas na h-Alba agus cho mòr ri 18% a chur ris a' chìs chomhairle mar dhòigh air seirbheisean a ghlèidheadh. Ach thuirt Ceannard na Comhairle, Stiùbhart Cree, nach fhiach dhaibh sin a dhèanamh, oir gun cuireadh càin a chuireadh Riaghaltas na h-Alba orra mu choinneimh sin às do dh'airgead sam bith a bharrachd a thogadh iad.

Stoirm

Tha 2,000 dachaigh fhathast gun dealain an dèidh stoirm an là an-dè agus na h-oidhche 'raoir. Thuirt Scottish Hydro gun deach cumhachd a thilleadh gu còrr is 9,000 dachaigh mar thà, agus gum faigh an fheadhainn a tha fhathast às aonais air ais e cho luath 's a ghabhas. Thug gaoth làidir droch bhuaidh air seirbheisean còmhdhail cuideachd, agus tha rathad an A9 fhathast dùinte deas air Bun Ilidh, an dèidh maoime-slèibhe. Tha Bear Scotland ag ràdh gum feum iad mu 10 tunna de pholl agus clach a ghluasad far an rathaid an sin.

Iowa

Dh'fhulaing Dòmhnall Trump buile na oidhirp air faighinn dhan Taigh Gheal. B' e Ted Cruz a ghlèidh a' mhòr-chuid de thaic nam Poblachdach ann an Iowa anns a' chiad bhòt phoblaich, agus an Seanadair à Teagsas air thoiseach air Mgr Trump, agus air Seanadair Florida, Macro Rubio. Tha a h-uile coltas gun robh Hillary Clinton ceum fìor bheag air thoiseach air Bernie Sanders aig na Deamocrataich.

Granta nan Taighean-Croite

Chaidh fàilte air dearbhadh gum bi àrdachadh suas ri £16,000 air a' ghranta airson taighean-croite ùra a thogail, no leudachadh agus leasachadh a dhèanamh orra. Dhearbh Riaghaltas na h-Alba cuideachd gum bi iad a' sgrùdadh sgeama iasaid nan taighean-croite a stèidheachadh às ùr.