Tagradh mu fhear a thuit a dh'Abhainn Nis

  • 2 An Gearran 2016

Rinn na poilis tagradh ùr airson luchd-fianais co-cheangailte ri aithrisean gun thuit fireannach a dh'Abhainn Nis.

Chaidh aithris gun thuit fireannach, a bhuineadh do dhùthaich chèin, dhan abhainn aig Drochaid Sràid Ghreig mu 17:20 Latha na Sàbaid.

Rinn an RNLI agus sgiobannan maor-cladaich sgrùdadh anns an abhainn, aig caladh Inbhir Nis agus aig a' mharina às dèidh dhaibh fios fhaighinn.

Tha na poilis a' smaoineachadh gu bheil an duine anns na 40an agus gun robh aodadh dorch air.

Thuirt an Insp Eddie Ros, bho Phoilis na h-Alba, gun robh oidhirpean gus an duine a lorg a' leantainn.

Bha e ag ràdh gu bheil e cudthromach luchd-fianais a lorg - duine sam bith a chunnaic fireannach ann an aodach dorch aig an drochaid eadar 17:00 and 18:30 feasgar na Sàbaid.

Tha na poilis ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh fios a chur thuca.