Soidhne Rathaid
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Càite an deach clachan Mhuile?

29 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dragh ann an Ceann a Deas Mhuile gu bheil daoine a' feuchainn ri na seann chlachan mìle ri taobh rathaidean an eilein a ghoid.

Chaidh falbh le trì dhiubh anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, agus air an deireadh-sheachdain chaidh clach-mhìle eile a lorg 's rop ceangailte rithe.

Chaidh iarraidh air muinntir Mhuile sùil a chumail air na soidhnichean agus fios a chur air na polais ma chì iad dad amharasach.