Bòrd ag iarraidh taic BhPA

  • 28 Am Faoilleach 2016
Bòrd na Gàidhlig

Sgrìobh Bòrd na Gàidhlig chun a h-uile Ball-Pàrlamaid Albannach a' cur ìmpidh orra taic a chur ri cumhachdan Gàidhlig Bhile an Fhoghlaim, a thèid a dheasbad sa Phàrlamaid an ath-sheachdain.

Tha am Bòrd ag iarraidh air na buill a bhith mothachail gu bheil iarrtas a' sìor fhàs am measg phàrantan ann an iomadh ceàrnaidh de dh'Alba airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Anns an litir aca, dh'iarr am Bòrd iar buill cumail ris an "taic thar-phàrtaidh a tha foghlam Gàidhlig air fhaighinn bho chaidh Pàrlamaid na h-Alba ath-stèidheachadh".

Tha am Bòrd gu sònraichte ag iarraidh air buill taic a chur ri moladh gum biodh dùil ri foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig pàrantan air feadh Alba ma tha "iarrtas reusanta" ann.

Thèid "iarrtas reusanta" a mhìneachadh ann an stiùireadh reachdail a tha Bòrd na Gàidhlig a' sgrìobhadh an-dràsta, agus a thèid fhoillseachadh an cois a' Bhile.

Tha an stiùireadh reachdail ga ullachadh le taic bho ùghdarrasan ionadail, COSLA, Foghlam Alba, ADES, agus an Riaghaltas Albannach.

Thèid co-chomhairle, a mhaireas 12 seachdain, a chumail air an stiùireadh reachdail nuair a tha am Bile air Cead Rìoghail fhaighinn.