COSLA: riaghailtean "dràcanach"

  • 28 Am Faoilleach 2016
Airgead

Tha tuilleadh fiosrachaidh air tighinn am follais mun airgead a tha na h-ùghdarrasan ionadail a' faighinn bho Riaghaltas na h-Alba am-bliadhna.

Thuirt COSLA gu bheil riaghailtean "gu math cruaidh" ann a chuireas stad air na Comhairlean bho bhith ag àrdachadh na cìse-comhairle.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil ùghdarrasan ionadail na h-Alba a' faighinn £350m nas lugha am-bliadhna eatorra.

Tha comhairlean gu mòr an eisimeil air Riaghaltas na h-Alba airson airgid.

Thuirt an Riaghaltas gu bheil na tha ùghdarrasan ionadail a' faighinn am-bliadhna "teann ach cothromach".

Ach tha grunn chomhairlean ag argamaid gum feum iad barrachd ghearraidhean a chur an sàs na bha iad an dùil ri linn na tha iad a' faighinn am-bliadhna.

Mhol Comhairle Mhoireibh àrdachadh 18% dhan chìs-chomhairle, agus tha comhairlean eile a' meòrachadh air cuideachd.

Dheadh càin a chur air comhairle sam bith a chuireadh suas a' chìs-chomhairle - rud a tha a' cur stad air ùghdarrasan ionadail bho a bhith a' dèanamh sin.

Chailleadh comhairle sam bith a dhèanadh sin trì chnapan-airgid:

  • airgead a gheibh iad airson a' chìs-chomhairle a chumail sìos
  • an cuid de £250m a gheibh iad mu choinneimh slàinte is cùram sòisealta a chur còmhla
  • an cuid de dh'airgead a gheibh iad airson àireamh thidsearan mu choinneimh sgoilearan a chumail suas

Coinnichidh comhairlean air feadh na h-Alba Dihaoine gus beachdachadh air a' chùis.