Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cìs an t-sèomair-chadail

Cho-dhùin Cùirt an Ath-thagraidh gu bheil cìs an t-seòmair-chadail, mar a th' aig cuid air, a' dèanamh leth-bhreith air feadhainn air a bheil i a' toirt buaidh. Chaidh cùisean a thogail le cuideigin a dh'fhulaing dochann san dachaigh, agus teaghlach deugaire ciorramaich a bha ag ràdh gun robh a' chìs a' toirt buaidh orra ann an dòigh a bha mì-laghail. Fon chìs, tha sochairean-taigheadais gan toirt air falbh bho dhaoine aig a bheil seòmraichean a bharrachd nan dachaighean.

Sgoiltean Ghlaschu

Tha pàrantan ann an Glaschu air draghan a thogail mu cò gheibh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile, agus coltas nach eil àiteachan ann a fhreagras air an iarrtas - airson na h-ath-bhliadhna sgoile. Chaidh innse do phàrantan aig a bheil clann ann an sgoiltean-àraich Ghàidhlig sa bhaile gur iad an fheadhainn as fhaisge air an Sgoil Ghàidhlig a th' ann an-dràsda neo air an sgoil ùir a dh'fhosglas am-bliadhna ann an ceann a deas a bhaile, a gheibh àite. Thuirt Comhairle Bhaile Ghlaschu gun robh iad a' dèiligeadh leis a' chùis san aon dòigh ri sgoiltean eile a' bhaile.

Tuiltean

Chaidh rabhaidhean mu thuiltean às ùr fhoillseachadh 'son an dà chuid Abhainn Teviot agus Slitrig ann an Hamhaig. Chaidh na seirbheisean smàlaidh a ghairm gus cobhair a dhèanamh air dràibhear bus a chaidh a ghlacadh ann an tuil sa bhaile. Chaidh grunn sgoiltean a dhùnadh air feadh Dhùn Phris is Ghall-Gaidhealaibh, agus chaidh cuideachd làrach colaiste Dhùn Phris a dhùnadh.

RBS

Dh'innis Banca Rìoghail na h-Alba gu bheil iad an dùil call eile nochdadh 'son na bliadhna 2015. Tha còir air 70% den bhanca ann an làmhan luchd-pàighidh nan cìsean. Thuirt iad cuideachd gun do chuir iad £2bn chun an dàrna taobh - gus pàigheadh airson mhearachdan na buidhne.

Sgìrean glèidhte

Tha iasgairean air a bhith a' togail fianais taobh a muigh Pàrlamaid na h-Alba an-diugh 's iad mì-thoilichte mu phlanaichean an Riaghaltais mu sgìrean glèidhte mara. Tha iad a' fàgail air an Riaghaltas nach eil iad ag èisteachd ris na draghan a th' orra agus aig an luchd-saidheans aca fhèin. Thuirt Riaghaltas na h-Alba, mura tèid costaichean na dùthcha a dhìon, gun tèid cron a dhèanamh air an àrainneachd agus dha-rìribh air stocan èisg.

Riaghaltas na Frainge

Leig Ministear Ceartais na Frainge dhith a dreuchd agus i mì-thoilichte le mar a dhèilig an Riaghaltas ri ionnsaighean Pharis san t-Samhain an-uiridh. Tha Christiana Taubira an aghaidh atharrachaidh sa bhun-reachd a' bhiodh a' ciallachadh gun deadh saoranachd na Frainge a thoirt air falbh bho dhuine sam bith a th' air an dìteadh air casaidean ceannairc.