Rabhadh mu choin is stoc

  • 27 Am Faoilleach 2016

Tha na Poilis air rabhadh a thoirt do dhaoine tha a-muigh a' coiseachd nan con aca faisg air stoc ann an Gallaibh.

Fhuair na Poilis grunn ghearainnean mu choin a bhith a' cur dragh air stoc ann an Camster, chun na h-ìre 's gun deach aon bheathach a mharbhadh.

Tha sin an aghaidh an lagha agus tha na Poilis a' cur an cuimhne dhaoine gu bheil cion smachd air coin buailteach cron a dhèanamh air croitearachd agus tuathanachas.