£6m a bharrachd dhan A83

  • 25 Am Faoilleach 2016
Image copyright Neil McLean

Thèid £6.6m a bharrachd a chosg air an A83 aig an Rest and Be Thankful.

Chaidh an t-airgead fhoillseachadh le Ministear na Còmhdail, Derek MacAoidh, san Àrchar Diluain.

Bha e ann agus coinneamh sa bhaile den bhuidhinn-gnìomha a tha a' coimhead ris na trioblaidean air an A83.

Dhùin maoimean-slèibhe an Gleann a' Chrò an rathad tric is minig thar nam bliadhnaichean.

Bha e dùinte bho cho chionn cola-deug.

Buaidh

Thèid £4m a chosg air buaidh nan maoimean-slèibhe a lùghdachadh.

Chaidh sreath de lìontan a stèidheachadh air cliathaich na beinne mar thà gus sprùilleach a ghlacadh.

Chaidh cuideachd saibhearan a thogail.

A bharrachd air an obair sin, thèid cuideachd air Seann Rathad an Airm tro Ghleann a' Chrò leudachadh.

Tha an seann rathad ga chur gu feum mar shlighe-èiginn nuair a tha an A83 dùinte.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile