Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cìs nan Tòraidhean

Bu chòir do dh'Alba cìs ùr mheadhanach a chruthachadh airson teaghlaichean a dhìon bho ìrean àrda. Sin co-dhùnadh aithisg le coimisean a stèidhich Tòraidhean na h-Alba. Tha an aithisg cuideachd ag ràdh nach bu chòir ìrean àrda a chur suas nuair a thèid cumhachdan ùra a ghluasad a dh'Alba an ath-bhliadhna. A thuilleadh air sin, tha an aithisg a' moladh cìsean gnìomhachais a reothadh agus a' chìs chomhairle a leasachadh.

Adidas

Cuiridh Adidas stad air an aonta aca le buidheann riaghlaidh na lùth-chleasachd, an IAAF. Tha dùil gur e sgainneal nan drugaichean as coireach. 'S e Adidas an sponsar as motha a th' aig a' bhuidhinn. Bidh an t-aonta a' tighinn gu ceann ceithir bliadhna na bu tràithe na bha dùil.

Tidsearan

Tha an àireamh dhaoine a tha a' toirt teisteanas a-mach mar thidear Gàidhlig air a dhol an àirde thairis air an dà bhliadhna mu dheireadh, a rèir figearan a dh' fhoillsich Bòrd na Gàidhlig. Thòisich 35 tidsear ùr anns a' bhliadhna acadaimigeach seo - a' gabhail a-steach bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean. Tha sin suas bho 30 an-uiridh. Tha am Bòrd ag ràdh gu bheil dùil ri 37 an ath-bhliadhna.

Henry Worsley

Bhàsaich am Breatannach Henry Worsley, a bha a' feuchainn ri coiseachd tarsainn Antartica gun taic, na aonar - rud nach do rinn duine a-riamh. B'e sgìths agus dìth bùirn a thug bàs dha Maighstir Worsley, a bha 55 agus a chleachd a bhith na oifigear anns an arm. Chaidh aithris gun dh'fhàilig na buill bodhaige aige air fad. Bhuineadh e do Fulham ann an Lunnainn.

Cumhachdan

Thèid Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Iain Swinney, a cheasnachadh an-diugh air an adhartas a tha ga dhèanamh mu aonta ionmhais mus tèid tuilleadh chumhachdan a thoirt do Holyrood. Bheir e fianais seachd do Chomataidh nan Cùisean Dùthchail aig Pàrlamaid Lunnainn a bhios a' coinneachadh ann am Peairt an-diugh.

IS

Chuir a' bhuidheann an Stàit Islamach bhideo a-mach, is dùil gu bheil e a' sealtainn an naodhnar luchd-gunna a thug ionnsaigh air Paris anns an t-Samhain. Tha an bhideo cuideachd a' sealtainn prìosanaich a bhith gam marbhadh. Agus aig an deireadh, tha IS a' bagairt ionnsaigh a thoirt air Breatainn.

A83

Tha coinneamh a' dol sa mhadainn an-diugh gus deasbad a chumail air dè am fuasgladh as fheàrr dhan A83, an Rest and Be Thankful. Bruidhnidh Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, ris a' bhuidhinn-gnìomha a chaidh a chur air chois. Bha an rathad duine a-rithist bho chionn cola-deug air sgàth maoim-slèibhe.