Dragh mu ghearraidhean cùraim agus foghlaim

  • 21 Am Faoilleach 2016
Oifisean Chomhairle nan Eilean Siar
Image caption Chaidh dragh a thogail mu ghearraidhean ann am foghlam agus ann an cùram.

Thàinig mu 60 duine a-mach gu coinneimh cho-chomhairleachaidh Chomhairle nan Eilean Siar ann an Uibhist a Tuath far an robh na gearraidhean a th' anns an amharc aig a' Chomhairle gan deasbad.

Am measg eile, tha a' Chomhairle a' coimhead ri cur às do dhreuchdan luchd-teagaisg a bhios a' siubhail eadar bun-sgoiltean a' teagasg ealain 's eile.

Thuirt fear den fheadhainn a bha an làthair, Aonghas Dòmhnallach, nach bu chòir an còrr ghearraidhean a bhith ann ann am foghlam.

"Tha a' chlann feumach air an teagasg agus tha na daoine a tha a' teagasg, tha an t-uabhas obrach mun coinneimh - agus ma dh'fhalbhas sgath den airgead a tha a' dol an sin tha e a' dol a dhèanamh cron air a' chloinn".

Thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gur ann tro a bhith ag obair ann an dòighean eadar-dhealaichte a thig sàbhalaidhean.

Seirbheisean cùraim

Thathas cuideachd a' coimhead ri cur às do sgioba chùraim a tha a' cuideachadh seann daoine nan dachannan fhèin tron oidhche.

Ach leis nach eil ach an aon dachaigh-cùraim ann an Uibhist a Tuath, agus e an-còmhnaidh làn, thuirt Tormod Dòmhnallach gu bheil cothrom ann coimhead ri feumalachdan gach sgìre fa leth mus geàrr iad seirbheisean.

"'S dòcha gur e an rud a dh'fheumas sinn coimhead ris, a bheil dòighean ann air seirbheisean sin a lìbhrigeadh ann an dòighean eadar-dhealaichte ann an sgìrean eadar-dhealtaichte, a rèir nam feumalachdan aca - a-nis chan urrainn dhuinn sin a dhèanamh sìos chun a h-uile baile mar gum biodh ach sgìre mar Uibhist a Tuath gur dòcha gun gabhadh rudeigin eadar-dhealaichte a dhèanamh.

"'S e firinn na cùise, nach eil an t-seirbheis sin ga libhrigeadh anns a h-uile sgìre anns na h-Eileanan co-dhiù, 's leis an sin cha shaoilinn gum biodh duilgheadas sam bith ann a bhith a' dèiligeadh ri diofar sgìrean a rèir nam feumalachdan sònraichte aca agus nan comasan a th' againn seirbheisean a lìbhrigeadh."

Bidh an ath-choinneamh cho-chomhairleachaidh aig Comhairle nan Eilean Siar ann an seòmar na Comhairle ann an Steòrnabhagh aig 7:00f Diardaoin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile