Taic 'son iomairt Stafainn

  • 21 Am Faoilleach 2016
An Stòrr Image copyright John Allan/Geograph
Image caption Bidh an Stòrr a' tàladh mòran luchd-turais gach bliadhna, agus tha dragh ann mu dhìth ghoireasan dhaibh, leithid parcadh.

Tha sluagh Stafainn ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich air taic a chur ri moladh smachd a bhith aig a' choimhearsnachd fhèin air goireasan mu thimcheall air an Stòrr.

Chuir Urras an Taobh Sear ceisteachan a-mach anns an t-Samhain agus chaidh còrr air dàrna leth dhiubh a thilleadh.

Bha 80% de na freagairtean a' cur taic ris a' choimhearsnachd a bhith a' ceannach neo a' stiùireadh na làraich.

Tha dragh air gu leòr mu pharcadh agus mu dhìth ghoireasan aig an Stòrr.