Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tennis

Chaidh làn-rannsachadh iarraidh mu aithrisean gun deach aonta a ruighinn ro-làimhe air na thachradh ann an geamaichean tennis aig àrd-ìre. Thàinig na casaidean à rannsachadh eadar am BBC agus an làrach-lìn Buzzfeed. Chunnacas pàipearan a tha a' sealltainn gun deach amharas a thogail mu 16 cluicheadairean anns an deich bliadhna a dh'fhalbh. Bha iad am measg prìomh 50 an t-saoghail, ach cha deach am peanasachadh. Tha ùghdarrasan tennis a' dol às àicheadh gun deach gin de na casaidean a chleith.

Dòmhnall Trump

Bidh Buill-Phàrlamaid aig Westminster a' deasbad feasgar co-dhiù bu chòir Dòmhnall Trump a chasg bho Bhreatainn ri linn a bheachd gum bu chòir Muslamaich a chasg rè ùine bho shiubhal a dh'Aimeireaga. Tha e ga dheasbad ri linn ath-chuinge ris an do chuir còrr air 500,000 duine ainm. Cha bhi bhòt ann air a' cheist.

Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Thèid aithisg air beulaibh Chomhairle na Gàidhealtachd an t-seachdain seo ag ràdh gun cosgadh e £1.5m a bharrachd na bha dùil sgoil Ghàidhlig ùr Phort Rìgh a thogail, 's gum bi an obair mu thrì mìosan air dheireadh. Tha Cceannard Ghoireasan na Comhairle, Brian Porter, ag ràdh san aithisg gu bheil dà chompanaidh air ùidh a nochdadh sa chùmhnant. Tha e ag ràdh gun tuirt iad gur e suidheachadh iomallach an eilein agus cosgaisean stuth-togail a bu choireach. Chan eil e a' moladh ge-tà, an cùmhnant a thairgsinn a-rithist.

Bile nan Aonaidhean Ciùird

Tha comataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba air iarraidh gun tèid Alba fhàgail a-mach à Bile ùr nan Aonaidhean Ciùird, a tha ga chur air adhart le Riaghaltas Westminster. Tha buill air Comataidh an Fhèin-Riaghlaidh ag iarraidh air Taigh nam Morairean a dhol an sàs, agus dragh ann gum faodadh am Bile buaidh a thoirt air cumhachdan a th' air an tasgadh an Dùn Èideann.

Sreapadairean

Chaidh luaidh a dhèanamh air sreapadair a bhàsaich ann an Gleann Comhann aig an deireadh-sheachdain. Chaidh ainmeachadh san sgìre gun robh Sìm Davidson am measg dithis a chaochaill air Stob Coire nam Beithe. Tha luchd-sreap eile tro na meadhanan sòisealta air innse mun uabhas a ghabh iad ris an naidheachd agus air cho measail agus sgileil 's a bha Mgr Davidson a' coiseachd nam beann. Thuirt ceannard Sgioba Teasairginn Beinne Ghlinne Chomhainn, Andaidh Nelson, gun robh an dithis a bhàsaich air an deagh uidheamachadh airson na sìde a bh' ann.

Serco

Bidh riochdairean na companaidh Serco, a tha a' tairgse airson cùmhnant sheirbheisean aiseig a' chosta an iar, ann an Slèite an-diugh airson coinneimh phoblaich mu mar a ruitheadh iadsan an t-seirbheis eadar Malaig agus Armadal. Choinnich Fòram Còmhdhail Shlèite mar thà ri Caledonian Mac a' Bhriuthainn mun t-slighe. Thuirt Ruairidh Moireach, bhon Fhòram, gum feum às b' i cò shoirbhicheas leis a' chùmhnant a bhith deiseil barrachd luchd-turais a ghiùlain air an t-slighe.

Tata

Chaidh ceannardan aonaidhean ciùird a ghairm gu coinneimh leis a' chompanaidh stàilinn Tata aig an fhactaraidh aca ann am Port Talbot anns a' Chuimrigh. Tha dùil gun tèid innse dhaibh gun tèid mu 750 cosnadh a ghearradh aig an ionad ri linn crìonadh ann am prìsean stàilinn.