Iomairt theasairginn a' leantainn

  • 16 Am Faoilleach 2016
Jason Chung Yai-Ho Image copyright Poilis Alba

Tha buidhnean teasairginn a-muigh Disathairne a-rithist a' sireadh fear a thathas a' tuisge a chaidh a dhìth aig muir faisg air Àrasaig air a' Ghàidhealtachd.

Chaidh Jason Chung Yai-Ho, aois 39 bliadhna agus à Glaschu, fhaicinn mu dheireadh leis chaidheig aige air an traigh mu 1630 feasgar Diciadain.

Bidh poilis, na maoir-chladaich agus Buidhean Teasairginn Beinne Loch Abair an sàs san iomairt.

Tha Jason mu chòig tròighean agus ochd òrlach a dh'àrd, le falt goirid donn agus feusag.

Bha seacaid agus briogais dubh dìonach air nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh.

Fhuairear an càr aige, Toyota Corolla dearg, faisg air an tràigh.

Dh'iarr na poilis air duine sa bith aig a bheil fiosrachadh, neo a chunnaic Jason goirid mus deach e a dhìth, fios a chuir thuca.