Dùil ri cead do leudachadh tuath-gaoithe

  • 12 Am Faoilleach 2016
Crann-gaoithe

Beachdaichidh comhairlichean air Ghàidhealtachd Dimàirt air am bu chòir leudachadh agus leasachadh a dhèanamh air fear de na tuathan-gaoithe as motha sa cheann a tuath.

Chaidh tuath-gaoithe Ghordonbush ann an Srath Bhrùra a thogail ann an 2012.

Tha mar thà 35 crainn anns a' mhonadh gu tuath air Loch Bhrùra.

Tha a' chompanaidh SSE Renewables airson 16 crainn a bharrachd a chur ris.

Ach bhiodh na crainn seo nas motha, aig 130 meatar de dh'àirde.

Chuir buidhnean glèidhteachais an aghaidh a' phròiseict.

Thuirt Urras Iain Mhuir gun toireadh e buaidh air seallaidhean na sgìre.

Chan eil Comhairle Coimhearsnachd Bhrùra an aghaidh a' phroiseict ge-tà. Ach thuirt iad nach bu chòir an còrr crainn a thogail anns an sgìre ma 's e agus gum faigh na planaichean a tha seo cead dealbhachaidh.

Tha oifigich Chomhairle na Gàidhealtachd a' moladh taic a chur ris a' phròiseact.

Ach tha iad airson aon chrann nas lugha a bhith ann, agus nach bi fear eile dhiubh cho àrd.