Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachan 11:00m

8 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tuiltean

B' fheudar do chòrr is 40 duine an dachannan fhàgail ann an Inbhir Ùraidh an-raoir, an dèidh do dh'uisge Dheathain a bruaichean a bhriseadh. Tha Port-Adhair Obar Dheathain fosgailte a-rithist an dèidh tuil air an raon-làighe, ach chan eil seirbheisean rèile fhathast eadar Obar Dheathain agus Dùn Dè agus an loidhne an sin fo uisge.

An Dibhe

Tha comhairle ùr mu dheoch làidir ag ràdh gu bheil fiù 's a bhith ag òl glè bheag a' cur ris a' chunnart bho aillse. Tha àrd-oifigich mheidigeach na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gur e ceithir aonadan deug anns an t-seachdain an rud as motha a bu chòir an dà chuid fir agus boireannaich ag bhith ag òl, agus gum bu chòir cuideachd deoch làidir a sheachnadh dà là gach seachdain air a' char as lugha.

Siria

Thuirt na Dùthchannan Aonaichte gu bheil an dòchas biadh fhaighinn Diluain gu baile Madaya ann an Siria a tha fo shèist, agus far a bheil aithrisean air daoine a' bàsachadh leis an acras. Thèid cobhair a dhèanamh cuideachd air bailtean beaga faisg air crìoch na Tuirce a tha fo smachd nan reubaltach.

Aiseag Armadail

Tha mì-chinnt mu sheirbheis aiseig an t-Samhraidh eadar Armadal agus Malaig a' dèanamh cron air gnìomhachas san sgìre, a rèir Fòram Còmhdhail Shlèite. Ged nach deach clàr-ama oifigeil fhoillseachadh fhathast tha dragh air a' bhuidhinn sin mun atharrachadh a dh'fhaodadh a bhith ann. Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gur aithne dhaibh beachd mhuinntir na sgìre, agus gu bheil iad ag amas air an t-seirbheis as fheàrr a fhreagras air luchd-gnothaich, air muinntir an àite agus air luchd-turais.

Soithichean Crùis

Thig cha-mhòr dùblachadh air an àireamh de shoithichean mòra luchd-turais a bhios a' tadhal air Steòrnabhagh am-bliadhna. Tha dùil ri co-dhiù 70 dhiubh - an àireamh as motha riamh. Bidh cuid a' tadhal a-rithist air a' bhaile, ach bidh am bàta ùr aig Cunard, an Queen Elizabeth, ann airson a' chiad uair. Tha dùil gun tig cuideachd àrdachadh suas ri 10,000 air an àireamh de luchd-siubhail a bhios orra.