Dragh mu Bhile an Fhearainn

  • 8 Am Faoilleach 2016
Mòinteach

Thuirt am BPA Gàidhealach, Dàibhidh MacThòmais, gu bheil dragh air nach tèid Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn fada gu leòr.

Fhuair am bile taic Pàrlamaid na h-Alba aig a' chiad ìre san Dùbhlachd.

Thuirt ministearan gun dèan iad atharrachaidhean air a' bhile, ach nach gabh iad ri gach moladh a bh' aig Comataidh nan Cùisean Dùthchail.

Tèarmannan

Am measg nam molaidhean a dhiùlt iad, 's e a bhith a' feuchainn ri daoine a stad bho bhith a' clàradh fearainn ann an tèarmannan cìse thall-thairis.

"Tha freagairt an Riaghaltais na bhristeadh-dùil dhomh, gu ìre", thuirt Mgr MacThòmais.

"Ghabh iad ri cuid de na molaidhean, ach a thaobh cuid eile, cha creid mi gu bheil iad a' dol fada gu leòr.

"Bunaiteach dha-rìribh"

"A thaobh soilleireachadh air cò leis a bheil fearann, tha sin bunaiteach dha-rìribh dhan bhile seo.

"Tha taic gu h-aona-ghuthach sa chomataidh - agus taic cuideachd bho bhuidhnean eile, Comann nan Uachdaran nam measg, 'son soileireachadh a bharrachd air cò leis a bheil fearann", thuirt e.

Thuirt Mgr MacThòmais gu bheil dùil aige gun cuir Comataidh nan Cùisean Dùthchail uallach air an Riaghaltas airson an tuilleadh neartachaidh a dhèanamh air a' bhile.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile